FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What’s Angus’s life like? Cò ris a tha beatha Aonghais coltach?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cò ris a tha beatha Aonghais coltach?

[Aonghas] Halò, is mise Aonghas MacGilleFhinnein agus tha mi a’ fuireach ann an Bàgh a’ Chàise ann an Uibhist a Tuath agus tha mi a’ fuireach ann a sheo còmhla ri Lucy.

[Aonghas] Tha suidheachadh math far a bheil mi agus chì mi a-null dhan t-Òb, gu na Hearadh, agus a-mach gu taobh an iar aig Uibhist a Tuath.

[Aonghas] Mi fhèin ’s an cù agam a-muigh a-nochd, chan eil fhios a’m a bheil thu gam chluinntinn no nach eil…

[Aonghas] Seo Lucy, halò!

[Aonghas] Is toigh leam a bhith a’ faighinn a-mach a ruith 's dòcha dhà no trì uairean anns an t-seachdain agus tha mi an dòchas am-bliadhna gum bi mi deiseil airson marathon ach chì mi. Feumaidh tu a bhith deiseil airson aimsir sam bith agus an-diugh tha coltas gu bheil i frasach so feumaidh tu seacaid math airson ga do chumail tioram.

[Aonghas] 'S àbhaist dhomh a bhith a’ ruith gu ceann rathaid Loch Portain, astar de shia mìle bhon taigh.

[Aonghas] Tha mi a’ dol a dh’obair as Ospadal Uibhist agus Bharraigh ann an Beinn na Faoghla agus tha sinn dol a bhith a’ dèanamh trèanadh airson PPE.

[Aonghas] Is toigh leam a bhith ag èisteachd ri ceòl air an rathad a dh’obair seo – òran sgoinneil!

[Aonghas] Nuair nach eil mi ag obair, bidh mi a’ cur an-àirde drone ach chan urrainn cù no cat a-mach an siud an-diugh.

[Aonghas] Is caomh leam a bhith ga chur suas airson tha thu faighinn seallaidhean ùr' air cà’ bheil thu agus gu dearbh tha gu leòr àitichean eireachdail ann an Uibhist.

[Aonghas] Mar sin leibh an-dràsta!

Chaidh seo a chlàradh agus a sgaoileadh ro staing ann an Uibhist a Deas

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!