FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Calf sale Fèill nan laogh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Fèill nan laogh

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Fhuair tuathanaich Sgitheanach togail an-diugh an dèidh dhaibh prìsean mòran na b’ fheàrr fhaighinn na bha cuid aca a’ sùileachadh aig fèill nan laogh ann am Port Rìgh. Bha dragh air cuid leis nach robh feur a’ fàs san t-sìde thioram agus as dèidh droch fhèill dhan luchd-reic anns a’ Ghearastan aig deireadh na seachdaine. An aithris-sa aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha còrr is mìle beathach gan reic an seo aig Fèill nan laogh ann am Port Rìgh is còrr air ceud croitear Sgitheanach an dòchas gum faigh iad deagh phrìs air an son. Agus cuid air a bhith a’ nochdadh draghan gu bheil an samhradh fìor thioram a th’air a bhith air a’ chost an iar air droch bhuaidh a thoirt air cho mòr agus fallain ‘s a tha stoc.

Ach cha b’e sin beachd an luchd-ceannachd, phàigh iad prìs mhath, mu thrì fichead ‘s a deich not a bharrachd anns a’ chumantas airson gach beathach na phàigh iad an-uiridh. Deagh naidheachd do luchd-àraich an Eilein as dèidh droch phrìsean aig a’ chiad fhèill dhen t-seusan anns a’ Ghearastan Disathairne. Le prìsean sìos mu dhà fhichead not anns an fharsaingeachd.

[Jonathan Dòmhnallach - Croitear] Tha na prìsean nas fheàrr na bha daoine a’ smaoineachadh, ach feumaidh sinn aideachadh gu bheil cosgaidhean a’ dol suas glè mhòr cuideachd.

[Jimmy Lamont - Croitear] Tha daoine a’ faighinn beagan a bharrachd air laoigh, a-nise. Tha na feed companies a’ dol suas mar-thà. So, tha e a‘ tighinn a-staigh air aon làimh, tha a’ dol a-mach air an làimh eile.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Mar sin ‘s e adhbhar misneachd na prìsean a fhuaireadh. Anns a’ chumantas, bha na beathaichean a’ dol airson còig ceud gu leth not an urra. B’ e a’ phris a b’ fheàrr, naoi ceud, trì fichead not son damh Charolais, bliadhna a dh’aois. Uile gu lèir, chosg an luchd-ceannachd, a’ chuid as motha aca bho thaobh sear na dùthcha, sia ceud mìle not. Bha draghan ann mu cho èasgaidh ‘s a bhiodh iad agus an samhradh fliuch acasan air droch bhuaidh a thoirt air bàrr.

[Jonathan Dòmhnallach - Croitear] Tha geamhraidhean a-nise a’ tòiseachadh cho tràth, feumaidh tu tòiseachadh gu math tràth anns a’ gheamhradh air biadhadh na sprèidh agus mur a dèan thu sin, cha bhi iad fada a’ dol sìos.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha na beathaichean a-nis a’ tòiseachadh air an turas dhan ear, far an tèid an reamhrachadh tro mhìosan a’ gheamhraidh. Bidh iomadh fèill stuic eile ann air a’ Ghàidhealtachd agus a-rithist ann am Port Rìgh mus bi a’ bhliadhna seachad. Agus dùil gur e deagh clach-tomhais a th’ anns an seo.

[Jimmy Lamont - Croitear] Tha tòrr a’ tighinn special airson an sale a tha seo, tha còrr is mìle laogh ann, tha tòrr a’ tighinn an sin leotha fhèin na laoigh. Chan eil fhios 'am ciamar a tha an ath sale. Cha bhi uiread de laoigh ann, ‘s dòcha. ‘S dòcha nach tig uiread dhachaigh. Chì sinn co-dhiù, ciamar a thèid gnothaichean.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chan e buileach poit òir a fhuair na Sgitheanaich, ach ma dh’fhaodte boillsgeadh dòchais airson a’ ghnìomhachais. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Port Rìgh

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!