FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather An Aimsir

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

An Aimsir

[Innes Rothach - preseantair] Seo Kirsteen leis an aimsir.

[Kirsteen NicDhòmhnaill - neach-aithris na h-aimsir] Feasgar math dhuibh, uill eile de fhrasan agus greisean grèine. A-nochd, ‘s ann frasach a mhaireas an t-sìde mun chost an iar agus tro mhòran sgìrean mu thuath, ma dh’fhaodte costa Bhanbh is Bhuchain cuideachd.

Dhan chòrr ged-tà, thig turadh le greisean de dh’ iarmailt shoilleir, agus tha oidhche car fuar air fàire a-nochd gu sònraichte tro chuid de sgìrean iomallach aig ìre reothaidh, no glè fhaisg air. Mar sin dheth dealt-reothaidh coltach ro mhadainn. Anns a’ chumantas, ged-tà, eadar còig agus ochd Celsius. A’ ghaoth bhon iar-thuath, gu bhith a’ socrachadh gu mòr a-nochd. Mairidh i làidir a-mhàin tro na h-eileanan mu thuath. A-màireach ma-tà, tha sinn a’ tòiseachadh an caran fuar do mhòran sgìrean, tioram do mhòran mun ear, mu mheadhan agus ceann a deas na dùthcha, le fìor chorra fhras a-mhàin. ‘S ann mun chost an iar agus tro cheann a tuath na dùthcha a bhios a’ chuid as bitheanta de na frasan a-rithist. Cha bhi i a’ faireachdainn buileach cho fionnar a-màireach, a’ ghaoth gu bhith tighinn bhon iar, lag anns a’ chumantas eadar dusan agus còig-deug Celsius.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!