FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Robb Donn's reputation Cliù Roib Duinn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Cliù Roib Duinn

[Innes Rothach – Preseantair] Tha an t-àm ann an cliù air a bheil e airidh a thoirt dhan bhàrd Chaoidheach, Rob Donn. Sin an teachdaireachd bho sgoilearan agus luchd-choimhearsnachd a th’ air carragh-chuimhne a’ bhàird ann an Dùthaich MhicAoidh ùrachadh. Tha fiu ‘s gluasad iomadh-phàrtaidh air a dhol gu Pàrlamaid na h-Alba mu dheidhinn ag iarraidh aithne dha mar fhear-litreachais cudromach Albannach. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris à Diùranais.

[Dòmhnall Moireasdan – neach-aithris] Rugadh Rob Donn MacAoidh ann an 1714. Tha e air a thiodhlacadh ann an cladh Bhaile na Cille an Diùranais. Tha na chruinnich ga chuimhneachadh air gaothach ag iarraidh an inbhe a th’ aige a thogail.

[An t-Oll.Dòmhnall Iain MacLeòid] “Ach leis gach breitheamh dan eòl dàn; Bidh cuimhne gu bràth air Rob Donn.”

[Dòmhnall Moireasdan – neach-aithris] Tha iad air an carragh-chuimhne a chaidh a chur an àird aig toiseach na naoidheamh linn deug a sgeadachadh is ùrachadh. Cha d’ fhuair Rob Donn an aon inbhe ri bàird eile na h-ochdamh linn deug, leithid Mac Mhaighstir Alasdair is Donnchadh Bàn, ach tha iad airson sin a chur ceart.

[An t-Oll.Dòmhnall Iain MacLeòid] Nam bheachdsa, ‘s e Rob Donn fada as cudromaiche is as comasaiche dhiubh agus ‘s e a’ phrìomh adhbhar airson sin gun robh e a’ sgrìobhadh mu dheidhinn an t-saoghail mun cuairt air. Bha e a’ sgrìobhadh mu dheidhinn dhaoine far an robh Donnchadh Bàn a’ sgrìobhadh mu dheidhinn fèidh is beanntan ‘s Mac Mhaighstear Alasdair a’ sgrìobhadh mu phoilitigs is cinn-cinneadh is an leithid sin. Tha Rob Donn a’ sgrìobhadh mu bhith a’ coimhead timcheall air an t-saoghal anns an robh e beò, na daoine, an doigh beatha a bh’ aca, an dol a-mach a bh’ aca.

[Dòmhnall Moireasdan – neach-aithris] Tha ceann-crìoch Roib Dhuinn am Baile na Cille, ach ‘s ann air tuath eile a’ Chuan Shiar a tha a shliochd an dèidh eilthireachd a dhèanamh a dh’Ameireaga, ‘s bha dhiubh, Ellen Beard à Washington DC a’ seinn anns a’ chladh.

[Ellen Baird] ‘S e mo shin shin shin shin shin sheanair a th’ ann agus tha mo shin sheanmhair à Sango beag, faisg air Diùranais.

[Dòmhnall Moireasdan – neach-aithris] Eadar aoir sgaiteach, òrain, feallsanachd, dibhearsain is marbh-rannan, dh’ fhàg Rob Donn dealbh againne de shaoghal nan Gàidheal ro na fuadaichean mus deach an saoghal sin à bith.

[Catrìona Baird] Chan ann dìreach a thaobh a bhàrdachd a bha cho sgileil, ’s geur is ait, ach a bharrachd air sin, tha e a’ toirt dhuinn eachdraidh agus sealladh a-steach a bheatha dhaoine aig an àm anns an ochdamh linn deug agus tha mi a’ smaointinn gu bheil sin fhathast cudromach agus san an-diugh, ‘s tha sinn uile cho measail air.

[Dòmhnall Moireasdan – neach-aithris] Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là, Diùranais.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!