FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Forest schools in Abriachan Sgoiltean coille ann an Obar Itheachan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Sgoiltean coille ann an Obar Itheachan

[Innes Rothach – Presentair] Chaidh teisteanasan a thoirt do chlann bho Ionad Ghàidhlig Bùnsgoil Ghlinn Urchadain as dèidh dhaibh pàirt a ghabhail ann an sreath de leasanan mu àrainneachd na coille. Dh’ionnsaich na h-òganaich mu na craobhan a tha a’ fàs agus na beathaichean a tha a’ tighinn beò ann an coilltean na h-Alba agus tha dòchas ann a-nise gun gabh barrachd de na clasaichean-coille a chumail tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Iain MacIlleathain ag aithris à Coille Obar Itheachan ri taobh Loch Nis.

[Iain MacIlleathain – neach-aithris] Airson dhà no trì uairean a thìde gach Diardaoin, bha clann bho Prìomh a h-aon, a dhà, ‘s a trì bho Bhun-sgoil Ghlinne Urchadain a’ tighinn a choille choimhearsnachd, Obar Itheachain airson sgoil choille tro mheadhan na Gàidhlig

[Anna Nic a’ Phì – Bhun-sgoil Ghlinn Urchadain] Uill, bha mi a’ smaoineachadh gur e cothrom math a bh’ ann dhan chloinn a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn an àite anns a bheil iad a’ fuireach agus na beathaichean ‘s na craobhan a tha timcheall orra ann an seo, ann an Obar Itheachan.

[Iain MacIlleathain – neach-aithris] Thàinig am beachd airson sgoiltean coille às na dùthchannan Lochlannach a Bhreatainn anns na naochadan. Tha iad ag amas, am measg eile, air clann a mhisneachadh. Cha robh càil a dhì-mhisneachd air a’ chloinn an-dè.

[Iain MacIlleathain – neach-aithris] Inns dhomh mu bheathaichean, seòrsa beathaichean a’ fuireach 's a choille?

[A’ Chlann] Sionnach, broc, damhan-allaidh, seangan, feòrag ruadh, cailleach oidhche, feòrag ruadh.

[Iain MacIlleathain – neach-aithris] agus am faca sibh feòrag ruadh?

[A’ Chlann] chan fhaca chan fhaca.

[Iain MacIlleathain – neach-aithris] Agus am faca sibh damhan-allaidh?

[A’ Chlann] Chunnaic! Chunnaic! Chunnaic! Dubh agus rud beag buidhe.

[Iain MacIlleathain – neach-aithris] Agus an robh e mòr?

[A’ Chlann] Chan eil! Bha e beag! Rud beag! Rud beag!

[Iain MacIlleathain – neach-aithris] Agus an robh ochd casan mòra, fada air?

[A’ Chlann] Tha! Tha! Tha! Bha!

[Iain MacIlleathain – neach-aithris] Thàinig an sgeama paidhleit bhon robh a’ chùrsa a’ ruith gu ceann an-dè. Airson sin a chomharrachadh, fhuair a’ chlann teisteanasan airson an cuid saothair.

[Boireannach] ... Agus bidh postair cuideachd ... feòrag ruadh.

[An Comh Drew Hendry – Comhairle na Gàidhealtachd] I think it’s wonderful that our children are being encouraged to learn Gaelic in the open air. It’s a fabulous facility and the kids have been absolutely terrific. I think we’ve got to get children out into the open air and we’ve got to get children interacting with the language more directly and I think this is a wonderful combination, so I would hope to see more of this going ahead, yeah.

[Iain MacIlleathain – neach-aithris] ‘S iad Urras Coille Obar Itheachain a bha a’ ruith a’ chùrsa agus tha iad an dòchas a-nis airgead fhaighinn airson a chumail a-rithist. Bhiodh iarraidh air cuideachd.

[Anna Nic a' Phì – Bhun-sgoil Ghlinn Urchadain] Tha mi a’smaoineachadh gum biodh is bhiodh sinn airson gum biodh e fosgailte dhan a h-uile clas a dhèanamh.

[Iain MacIlleathain – neach-aithris] Chòrdadh sin ris a’ chlann, chan eil dhòigh air. Bhuam-sa Iain MacIlleathain agus bhon a’ chlann cuideachd:

[A’ Chlann] Mar sin leibh! Mar sin leibh! Mar sin leibh! Mar sin leibh!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!