FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fuel prices in the Western Isles Prìsean connaidh sna h-Eileanan Iar

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Prìsean connaidh sna h-Eileanan Iar

[Mairi Rodgers – Presentair] Tha cuideam ga chur air muinntir an Eilein Siar pàirt a ghabhail ann an sgrùdadh Oifis na Malairt Cothromaich mu phrìsean connaidh. Sin as dèidh dhaibh choinneamhan a chumail air a’ ghnothaich ann an Steòrnabhagh an-diugh. Thuirt comhairle nan Eilean Siar agus dithis de bhuill phàrlamaid na sgìre gun robh e gu h-àraidh cudromach gun cuireadh daoine an cuid bheachdan a-steach dhan rannsachaidh a thèid fhoillseachadh aig tòiseach na h-ath bhliadhna. Tha an aithris seo aig Catrìona NicIlleathain

[Catrìona NicIlleathain – Neach-aithris] Ged a tha an OFT air a bhith seo mar phàirt den rannsachadh aca air prìsean connaidh anns an Rìoghachd Aonaichte air fad tha cuspair no dhà sònraichte air ceann a thogail anns na h-Eileanan an Iar. An-diugh, bha iad an seo airson a-mhàin a bhith ag èisteachd, ach bha gu leòr aig daoine ri ràdh.

[Calum Iain MacÌomhair - CNES] Chaidh sinn tarsainn air tòrr de na rudan a tha a’ tachairt anns a’ mhargaidh ionadail. Thug sinn fianais dhan na OFT mu dheidhinn rudan a bha a’ tachairt, rudan a’ tachairt anns an seachdain a chaidh seachad. Bha an OFT, bha iad ag èisteachd math dhuinn. Bha ceistean aca mu dheidhinn rud a bha sinn a’ cantain. Ach am prìomh rud a bha iad a’ cantain, gun robh iad ag iarraidh fianais, gun robh iad ag iarraidh barrachd fiosrachaidh. Tha mi den a bheachd gu bheil an OFT a’ dol a bhith a’ choimhead ri seo gu math geur anns na seachdainean ri thighinn.

[Catrìona NicIlleathain – Neach-aithris] Tha ceist air a bhith anns na h-eileanan bho chionn greis mu chothromach farpais agus tha ceist sin air ceann a thogail buileach an dèidh do dh’ aonan dha na bùithtean ann an Leòdhas prìs a’ chonnaidh a leigeil gu mòr an-dèidh dhaibh a chunnart acasan atharrachadh. Tha bùithtean eile a’ cumail a-mach nach urrainn dhaibh na cùmhnantan aca atharrachadh agus ‘s e cho ceart no cho ceàrr ‘s a tha an dòigh-obrach sin aon de na prìomh cuspairean a thog ceann an-diugh.

[Aonghas Brianan MacNèill - MP] Tha mi a’ smaointinn gu bheil sin a’ toirt ma chuireadh do dhaoine dìreach a tha ceàrr agus faireachdainn a th’ agamsa ‘s a faireachdainn a th’ aig a’ mhòr-chuid gun e cinn-farpais eadar na distributors agus gu bheil na distributors a tha seo ceangailte ris na buidheann a’ reic connaidh aig deireadh na latha ann an contract nach fhaigh iad seachad air.

[Catrìona NicIlleathain – Neach-aithris] Tha mòran air a bhith a’ strì agus a’ feitheamh airson an cothrom bruidhinn ri buidhinn an leithid OFT, ach leis gu bheil an rannsachadh aca gu bhith a’ leantainn beagan mhìosan fhathast, càite a bheil seo a’ fàgail an strì airson prìsean connaidh nan eilean a thoirt sìos?

[Calum Iain MacÌomhair - CNES] Tha e riatanaiche dha na comhairle cumail ag obair air seo. Tha seo toirt bhuaidh mhòr air an eaconomaidh. So, mar sin, feumaidh sinne a’ feuchainn ris faighinn dòighean son dèanamh cinnteach gu bheil a’ phrìs ceart, gu bheil sinn a’ rian a’ phris anns na h-eileanan, tha e cudromach agus air a bhith air a chur air dòigh ann an dòigh a tha ceart.

[Aonghas Brianan MacNèill - MP] Cumaidh an strì a’ dol agus bha sinn bliadhnaichean a’ strì ri Rural Fuel Delegation mar a bh’ againne air, agus fhuair sinn sin mu dheireadh thall. Tha mi a’ smaointinn gu bheil sinn a’ faireachdainnean a fad ‘s a’ faicinn gum faodadh a-rèir mar a tachairt gun gabhaidh a’ phris a chur sìos. Tha fianais mu choinneamh ar sùilean, agus mar sin on a tha sin a tachairt, dh’fhaodadh e a bhith a’ tachairt air feadh nan eilean air fad agus sin an suidheachadh a-nis a bu mhath leinn fhaicinn gu math aithghearr.

[Catrìona NicIlleathain – Neach-aithris] Tha chun an seachdamh deug aig daoine an cuid bheachdan air bho feadh an àite a chur chun an OFT. Tha iad ag ràdh gum faic sinn tòrr air an rannsachadh a tha seo aig tòiseach na h-ath bhliadhna. Catrìona NicIlleathain, BBC An Là. Na h-Eileanan an Iar.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!