FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Care facilities in the Western Isles Goireasan-cùraim anns na h-Eileanan Siar

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Goireasan-cùraim anns na h-Eileanan Siar

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise, air feadh na dùthcha, tha an àireamh de sheann daoine a tha feumach air cùram ag èirigh. Agus tha sin a’ cur cuideam a bharrachd air ospadalan agus dachaighean-cùraim. Anns na h-Eileanan an Iar, tha gainnead luchd-cùraim dachaigh air a bhith na thrioblaid dhan chomhairle agus tha iad a-nis air iomairt a chur air bonn feuch barrachd dhaoine a thàladh chun na seirbheis. Tha Alasdair Friseal ag aithris à Steòrnabhagh.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Tha barrachd dhaoine anns an a th’ ann beò gu seann aois agus tha mòran dhiubh sin feumach air cùram ann an àrainneachd a tha sàbhailt’ agus fallain. Tha feumalachdan sònraichte cuideachd aig seann daoine ge bith meidigeach, no taic am broinn na dachaigh. Tha Comhairle nan Eilean Siar a-nis mothachail gu bheil feum air ro-innleachd shònraichte anns an sgìre airson dèiligeadh ri àrdachadh a bharrachd san àm ri teachd.

[Iain MacAmhlaidh – Comhairle nan Eilean Siar] Tha fhios againne gu bheil an àireamh de sheann daoine, a sìor dhol suas agus tha fhios againn g’eil sin romhainn airson iomadach bliadhna, agus mar sin tha sinn ag obair còmhla ri Bòrd na Slàinte agus ri buidhnean eile airson a bhith gar deisealachadh mar as fhèarr as urrainn dhuinn airson nan àireamhan mòra a bhios againne ri dèiligeadh ris anns na còig bliadhna fichead gu h-àraidh a tha romhainn.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] An-dràsta, tha duilgheadas ann luchd-obrach gu leòr fhastadh airson seirbheisean cùraim a thabhann anns a’ choimhearsnachd agus ann an dachaighean-cùraim ach mar fhuasgladh air an sin, tha ìmpidh ga chur air an òigridh anns an sgìre coimhead às dèidh nan ginealaichean a chaidh romhpa. Ach tha duilgheadas air a bhith aig àiteachan leithid nan Eileanan Siar grèim a chumail air tòrr den òigridh bho bhith a’ sireadh cothroman obrach agus foghlam air tìr-mòr.

[Iain MacAmhlaidh – Comhairle nan Eilean Siar] Tha sinn a-nis ann an còmhraidhean ris a’ cholaiste seo ann an Leòdhas agus ris na bùird slàinte agus gus am bi sinn a’ bruidhinn ris na sgoiltean agus gum bi sinn ag ràdh, “Seo agaibh cothroman dhuibh, cothroman dhuibh airson fantail sna h-eileanan, cothrom airson cùrsaichean a dhèanamh, cothrom airson obair mhaireannach a bhith agad fad do bheatha fhad ‘s a tha thu a’ fuireach anns na h-Eileanan Iar.”

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Tro na h-Eileanan, tha obair air a bhith a’ dol thar nam bliadhnaichean airson goireasan-cùraim do sheann daoine a leasachadh. Tha dachaigh ùr ann an Dalabrog a-nis a’ frithealadh air seann daoine ann an Uibhist à Deas agus tha dùil gun tòisich obair-togail a-rithist air taigh na Hearadh air an Tairbeart às dèidh dhan chompanaidh togail UBC a dhol fodha. Tha iad an dòchas gum freagair sin air feumalachdan seann daoine an-dràsta co-dhiù. Alasdair Friseal, BBC An Là, Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!