FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new path on Culloden Battle site Slighe ùr aig Làrach Blàr Chùil Lodair

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Slighe ùr aig Làrach Blàr Chùil Lodair

[Mairi Rodgers - Presentair] Thèid còrr agus cheud mìle not a chosg air leasachadh a thoirt air làrach Blàr Chùil Lodair. Tha Urras Nàiseanta na h-Alba a measg bhuidhnean eile air slighean coiseachd ùra a dhealbh ‘s iad ag amas air ceangal nas làidire a dhèanamh eadar an làrach fhèin agus na bailtean timcheall. Mar phàirt den phròiseact, thèid beingean fiodha cuideachd a thogail air am bi bàrdachd Ghàidhlig sgrìobhta. Seo Dòmhnall MacLaomainn

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Air feadh Alba an-diugh, chuir a’ cheò maill air daoine, ach aig Làrach Blàr Chùil Lodair, far an do chuir e ri faireachdainn an àite. Tha Ionad Blàr Chùil Lodair a’ tàladh mìltean de luchd-turais chun na Gàidhealtachd gach bliadhna, ach a dh’aindeoin sin, tha iad an-còmhnaidh a’ sealltainn airson dòighean ùra an t-àite a leasachadh. Tha obair gus tòiseachadh air slighe ùr fad naoi cilemeatairean, timcheall làrach a’ bhlàir. Cosgaidh am phròiseact còrr air cheud mìle not leis a’ chuid as motha den airgead a’ tighinn bhon buidhinn LEADER.

[Katey Boal] What this is it’s a partnership project between The Highland Council, The National Trust for Scotland and The Forestry Commission and Balloch Community Council. And what we’re doing is we are linking up the communities of Culloden, Balloch and Smithton with the Battlefield and telling the wider story of the Battle of Culloden. It’s really important to make sure that the centre itself connects with the communities that live around it and making sure that people understand the significance of the battle, and the story of the battle and the impact that this battle had not only on the local people, but throughout Britain and the rest of the world.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Mar phàirt den phròiseact, tha beingean fiodha gu bhith air an togail le pìosan bàrdachd air a sgrìobhadh orra. Chaidh bàrd ainmeil Gàidhlig fhastadh airson na h-obrach seo a dhèanamh.

[Aonghas MacNeacail] ‘S e an obair a tha gu bhith agamsa deasachadh criomagan gu math goirid de bhàrdachd a thèid air gach being agus pìos rosg a bheir mìneachadh air agus tha mise air gabhail mu chuairt airson beagan de dh’fhaireachdainn dhen làraich fhaighinn dhomh fhèin airson gun urrainn an uair sin, le rannsachadh air an fhiosrachadh a tha mun cuairt ann an leabhraichean is eile, beagan a bharrachd tuigse a bhith agam air dìreach co ris a bha e coltach.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha iad an dòchas gum bi na beingean fiodha agus an t-slighe ùr ri fhaicinn aig tòiseach an earraich. Sin ma thogas a’ cheò. Dòmhnall MacLaomainn. BBC An Là. Cùl Lodair.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!