FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An energy generator in Grimshader Cruthadair-dealain ann an Grimisiadair

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Cruthadair-dealain ann an Grimisiadair

[Innes Rothach - Presentair] Tha cumhachd Hydro air a bhith sna naidheachdan air an t-seachdain-sa le Comhairle na Gàidhealtachd ag aontachadh ri sgeama mhòr os cionn Loch Lòchaidh. A-nis, tha sgeama beagan nas lugha a’ cruthachadh dealan ann an Sgìre nan Loch ann an Leòdhas far a bheil teaghlach air pròiseact Hydro pearsanta a leasachadh ann an Grimisiadair. Thèid a chleachdadh airson cumhachd a chumail ri taigh a tha iad a’ togail anns an sgìre agus tha iad an dòchas gum pàigh e air a shon fhèin ann an beagan bhliadhnaichean. Seo Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha Kenny MacArtair a’ toirt bùrn à trì lochan às a’ mhòintich leth-mhìle air falbh bhon taigh tro phìob a chuir e fhèin dhan talamh gu cruthadair-dealain a tha còig meatair fichead nas ìsle. Tha neart gu leòr ann an sruth a’ bhùirn airson eadar còig is deich kilowatt dealain a chruthachadh.

[Kenny MacArtair (mac)] Our abstraction licence is for eighty litres a second. The turbine is using sixty litres a second, so I am going to leave the rest in the river. I had to get a professional survey done, you know, to make sure it was feasible, a feasibility study, so it’s only been running a week and it’s been at full power and we haven’t had a huge amount of rain since so, no, I’m quietly confident.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha e air toirt còig bliadhna a thoirt gun an ìre sa agus bha cuid ann a bha a’ smaoineachadh nach obraicheadh e dha. Ged a tha an dearbhachadh ann dhaibh leis a’ chiad dealan ga chruthachadh an t-seachdain sa.

[Kenny MacArtair (athair)] Bha mi a’ smaoineachadh gun robh e às a chiall! ‘S e leis an fhìrinn innse dhut! Cha do smaoinich mi gun obraicheadh an rud ceart idir, ach, bha mi ceàrr! Agus tha mi glè thoilichte gun d’ fhuair e air a h-uile càil a dhèanamh cho math ‘s a rinn e. Bha tòrr obrach ann bho thòisich e, iomadach oidhche ag obair air is là. Ach bha e feumail dha gum b’ urrainn dha fhein an digger obrachadh agus na h-innealan aige fhèin a bhith aige agus bha sin feumail.

[Kenny MacArtair (mac)] Probably in total between forty-five and fifty thousand for the payback. If we have flow like this, or our normal flow, I reckon five years and then the rest is hopefully paying for our mortgage, or going some way to paying for some of our mortgage, so yeah, it makes it worthwhile!

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha buannachdan na chòis, oir coinnichidh e ri feuman dealain is teas an taighe agus còrr.

[Kenny MacArtair (mac)] We’re just building a new house just now, so hoping it’s going to run all our heating and our domestic hot water, a couple of big water storage tanks, you know, just store it as heat, the hot water. In the winter, it will run the whole house and the rest will go to the grid.

[Murchadh Moireach – Eòlaiche] Fhios agad, 's e rud nuair a chuireas tu an sàs an t-innealeachd, tha e agad airson bliadhnaichean mòra agus chì thu sin ann an Hydro schemes mhòra, rudan a chaidh a chur an sàs às-dèidh a’ chogaidh, tha iad fhathast ann an sin. Ma chuireas tu an sàs turbines is rud anns a’ mhuir, feumaidh thu a bhith gan cur ann às ùr.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ach tha cruth na talmhainn a’ ciallachadh ged a tha cothroman ann nach urrainn dhan h-uile duine an aon rud a dhèanamh.

[Murchadh Moireach – Eòlaiche] Tha mi a’ smaoineachadh gur e a dh’fheumte coimhead ris, ‘s e pump storage, gum bithear ga chleachdadh a’ dol an dàimh ri rudan eile mar crainn-gaoithe agus cumhachd na mara agus a’ cleachdadh na cumhachd sin nuair nach b’urrainn dhut a chleachdadh airson a grid, a bhith ga chleachdadh airson pumpadh a’ bhùirn, son gum bi am bùrn agad airson hydro nuair a bhiodh sin cothromach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Eisimpleir eile air ciamar a ghabhas buannachd a thoirt à aimsir nan Eilean. Aonghas Dòmhnallach, BBC An La, ann an Grimisiadar.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!