FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A campaign for a Gaelic school in Portree Strì airson sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Strì airson sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Tha pàrantan a tha a’ strì airson sgoil Ghàidhlig fa leth ann am Port Rìgh ag ràdh gu bheil eagal orra nach fhaigh am pròiseact taic phoilitigeach ‘s e dol a chosg mòran a bharrachd na bha dùil. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ moladh a thogail air làrach ostail nan caileagan. Thuirt fear de chomhairlichean an eilein gu bheil e misneachail gum faighear taic nam ball agus an t-ionmhas a tha a dhìth. Seo Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ gealltainn bhun-sgoil Ghàidhlig ùr a thogail. Thagh iad làrach anns a’ Ghearastan nach do chòrd ri pàrantan; tha làrach Phort Rìgh a cheart cho connspaideach. Fhuair sgrùdadh nach biodh an t-seann ostail freagarrach; ‘s e làrach air iomall a’ bhaile a b’ fheàrr le luchd-iomairt, ach chan fhaigh iadsan an toil a bharrachd. Tha a’ Chomhairle a-nis air taghadh a dhèanamh air an làrach as fheàrr airson bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh agus ‘s e seo an t-àite, làrach Ostail Mairead Charnegie air iomall a’ bhaile. Ach tha pàrantan a th’ air a bhith dèanamh strì airson na bun-sgoile ag ràdh gum biodh na tha fa-near dhan Chomhairle tuilleadh is cosgail agus tha eagal orra gun caill iad taic phoilitigeach.

[Art MacCarmaig – Comhairle nam Pàrant] Leis gu bheil an ostail an lùib seo cuideachd, tha sin a’ ciallachadh gu bheil am pròiseact seo a’ dol a chosg fada, fada a bharrachd, rudeigin coltach ri trì millean deug agus tha ceist mhòr ann am biodh rùn phoilitigeach taobh a-staigh na comhairle airson an t-airgead a bharrachd a tha a dhìth a lorg airson seo a dhèanamh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] A dh’aindeoin na chosgas i, tha comhairlichean ionadail làidir dhen bheachd gur e seo an t-àite as fheàrr agus tha iad misneachail gum faigh iad an t-ionmhas a tha a dhìth.

[Hamish Friseal – Comhairliche] Tha feum air ostail ann am Port Rìgh agus tha taic pròiseact air taobh a-staigh na comhairle; tha riaghaltas aig a’ chomhairle mhòr ag iarraidh seo agus na comhairlichean anns an Eilean Sgitheanach ag iarraidh seo a dhol air adhart agus mar sin, na ceumannan a tha sinn a’ gabhail an-dràsta, chanadh sinn gur e clach-mhìle a tha sin ann a bhith a’ dol air adhart agus a bhith a’ faighinn seo air a chur air bhonn gu math sgiobalta.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Clach-mhìle do chuid, ach cnap-starra ùr do na pàrantan a th’ air a bhith feitheamh ceithir bliadhna mar-thà.

[Art MacCarmaig – Comhairle nam Pàrant] Tha sin a’ ciallachadh gu bheil aca ris an ostail a dhèanamh an toiseach, gus am bi e comasach dhan chomhairle a’ chlann a ghluasad a-mach às an ostail far a bheil iad an-dràsta agus an làrach fhaighinn an uair sin airson na sgoile. Ge bith a thachras tha dàil eile gu bhith ann agus tha sinn gu math draghail mu dheidhinn sin, chun na h-ìre far a bheil sinn ag iarraidh air a’ chomhairle coimhead ri làraichean eile a-rithist. Ach, cha robh iad deònach sin a dhèanamh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Cha do lìbhrig a’ chiad phlana Gàidhlig an sgoil; an tig i ro dheireadh an dàrna plana cànain gus am faigh a’ chomhairle aodann sona?

[Hamish Friseal – Comhairliche] Bu thoil leamsa sgoil ùr fhaicinn ann an sin ann am bliadhna no san bhliadhna eile a tha romhainn agus bhithinn an dòchas, ‘s dòcha, gun tachradh sin. Ach, aig an ìre a tha seo, chan urrainn dhuinn ceann-là a chur air an sin, ach bidh sinn an dòchas nach bi e ann an àm ro fhada agus nach bi e mar a tha daoine a’ smaoineachadh suas gu 2020.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Beachdaichidh comhairlichean Diciadain air an dòigh as fheàrr an làrach a leasachadh. Beachdaichidh an làn chomhairle anns a’ Ghearran air am bu chòir dha a bhith anns a’ phlana chalpa, a’ toirt a’ chiad bhun-sgoil Ghàidhlig fa leth anns an Eilean Sgitheanach ceum nas fhaisge. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Port Rìgh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!