FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An unique MOT garage in Stornoway Garaids MOT shònraichte ann an Steòrnabhagh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Garaids MOT shònraichte ann an Steòrnabhagh

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, dh’fhosgail garaids ùr ann an Steòrnabhagh nach fhacas a samhail a-riamh ann am Breatainn. ‘S e iomairt shòisealta a th’ anns a’ gharaids a sgrùdaidhean MOT. Chaidh an goireas ann an seann mhuileann a’ Chlò Mhòir air Rathad Shanndabhaig fhosgladh gu h-oifigeil an-dè leis an fhear gnothachais Sir Tom Farmer. Tha dòchas ann gun lìon seo beàrn a chaidh fhàgail nuair a dhùin garaids eile anns a’ bhaile. Le tuilleadh seo Ruaraidh Rothach.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] A’ chiad ionad-deuchainn MOT ann am Breatainn a tha ann an làmhan na coimhearsnachd ga fhosgladh an-dè ann an Steòrnabhagh. ‘S ann leis a’ bhuidhinn saor-thoileach, Third Sector Hebrides, a tha e. Ghabh an Ridire Tom Farmer cuireadh a thighinn gu Steòrnabhagh airson an fhosglaidh oifigeil.

[An Ridire Tom Farmer] The community enterprise can play a very, very important role. It’s all about people working together, working with the local authorities, etcetera to create employment, to train people and to look to see how and what they can do to make a difference. It was good to speak to the young lad here who’s an MOT inspector and we were talking about various things and he said to me, he said “Well I don’t know how long I can stay in the community here. I might have to go to the mainland, I might have to look for a job” and what I said to him is that you will be well-prepared if you do have to go, which I hope he doesn’t. I hope he can stay here and help, but if he does have to go, then he’s got a ticket. He’s got something which is of great value and he’ll be able to pick up a job anywhere in the country.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Cheannaich Third Sector Hebrides an uidheamachd bho gharaids eile sa bhaile a dhùin bho chionn ghoirid. Thathas an dòchas seirbheis MOT a tabhainn a bharrachd air a bhith a’ sealltainn às dèidh nan carbadan aca fhèin. Choinnich Sir Tom leis an luchd-obrach agus thug e seachad beagan comhairle air gnìomhachas air a bheil e fhèin mion-eòlach.

[Coinneach Dòmhnallach] Bha e math coinneachadh ris agus duine snog dhà-rìribh agus mar a chuirinn-sa e, “a very homely person”.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ciamar a tha buidheann saor-thoileach a’ dol an-sàs ann an gnìomhachas an leithid seo?

[Alasdair MacNeacail] Faodaidh sinn dèanamh a h-uile rud mar na gnothaichean eile. Faodaidh sinn faighinn surplus bhon obair a tha sinn a’ dèanamh, ach tha diofar ann, ach tha sinne a’ dèanamh social benefit cuideachd, bho na daoine a tha ag obair an seo, on surpluses a tha a’ dol air ais gu na charity againne agus chan ann gu na pòcaidean prìobhaiteach.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Thug na briathran aig Sir Tom togail dha na bha an làthair agus tha dòchas ann gum bi an luchd-obrach cho luath ri Kwik-fit fitters iad fhèin a dh’aithghearr.

[Coinneach Niall MacIllinnein] Uill, tha aon gharaids air dùnadh mar-thà ann an Steòrnabhagh, so tha garaids eile a-nise an seo son dèanamh MOTs agus bu chòir dhuinn a bhith a’ fàs trang.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ruaraidh Rothach, BBC An Là, ann an Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!