FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Concerns raised about the effects of the delay in installing electrical cable Dragh mu bhuaidh an dàil ann a bhith a' cur càball-dealain ann an Leòdhas

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Dragh mu bhuaidh an dàil ann a bhith a' cur càball-dealain ann an Leòdhas

[Innes Rothach - Preseantair] Feasgar math. Tha dragh air nochdadh mu bhuaidh an dàil ann a bhith a’ cur càball-dealain eadar Leòdhas is Tìr-mòr air leasaichean cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan. Tha e a’ tighinn am follais às aonais ceann susbainteach leis a’ ghrid nàiseanta nach cruthaich tuath-gaoithe a thathas a' togail air mòinteach a’ Phentland ach cuibhreann dhen dealan a bha daoine a’ sùileachadh. Ag aithris à Steòrnabhagh, seo Alasdair Friseil.

[Alasdair Friseil – Neach-aithris] Cha deach pròiseact ath-nuadhachail cho mòr ri tuath-gaoithe a’ Phentland air iomall Steòrnabhaigh a chur air chois anns na h-Eileanan roimhe seo. An-diugh, ràinig a’ phròiseact ìre chudromach eile, agus bonn a’ chiad tùir ga chur an-sàs.

[Dòmhnall MacRisnidh] Rud a chì sibh an sin an-dràsta. ‘S e sin a’ chiad start. Tha sia dhen sin a’ dol an-aìrde an-dràsta, bidh iad an uair sin, iad a’ startadh air an ath section dheth an t-seachdain seo tighinn. Tha crane mòr a’ tighinn – tha mi a’ smaoineachadh gur ann Disathairne.

[Alasdair Friseil – Neach-aithris] Aig an ìre-sa, tha iad an dòchas gun tòiseach an leasachadh air cruthachadh cumhachd anns a’ Mhàrt an ath bhliadhna. Tha e cho mòr agus gun cùm e dealan ri timcheall dusan mìle dachaigh. Ach mura bi ceangal èifeachdach an-sàs thairis air a’ Chuan Siar cha bhi e comasach dhaibh sin a dhèanamh. Tha an dàil anns a’ phròiseact airson càball-dealain fhaighinn eadar na h-eileanan agus tìr-mòr cuideachd a’ toirt buaidh air a’ phròiseact a tha seo. Tha e a’ ciallachadh nach urrainn dhaibh an aon uimhir de dhealan a tharraing às agus a bhathas a’ lùigeachadh. Tha an dàil sin a’ ciallachadh nach urrainn dhan tuath-gaoithe ach trì chairteal dhen chumhachd a chruthachadh – rud a tha na bhriseadh-dùil mòr.

[Iain Moireasdan] Uill, tha daoine a’ faireachdainn gu bheil sin a’ dol a chur cùisean air ais anns na h-Eileanan, gu h-àraidh son na sgeamaichean nas motha a tha cuideachd a’ toirt trioblaid dha na sgeamaichean beaga cuideachd air sgàth gu bheil acasan rudan a dhèanamh an-dràsta airson làimhseachadh a’ ghrid – rud lag a th’ againne sa h-Eileanan agus ‘s e briseadh dùil a th’ ann.

[Alasdair Friseil – Neach-aithris] Feumar a-nis dòighean eile a lorg anns an eadar-ama airson dèiligeadh ris an dealan a thèid a chruthachadh agus na laigsean a tha a’ lìonadh dealan anns na h-eileanan.

[Iain Moireasdan] Aig deireadh an là, feumar a bhith mothachail dhen sin gu bheil connections managed, gu feum na turbines sin a chur dheth aig uairean gum bi iad a’ cur air turbines san Eilean Sgitheanach, mar eisimpleir, agus feumaidh iad lorg dòigh eadar na buidhnean sin air fad, ach nuair a thig an càball, thig adhartas agus faodaidh na turbines sin a bhith a’ ruith tòrr nas fhàide na bhios iad an-dràsta.

[Alasdair Friseil – Neach-aithris] Chan eil fhios le cinnt cuin a thèid càball-dealain a chur an sàs eadar na h-eileanan agus tìr-mòr. Gus an tachair e, tachraidh leasachaidhean mar seo. Alasdair Friseil. BBC An Là, Steòrnabhagh

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!