FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Concern over complaints in Barra Dragh mu ghearraidhean ann am Barraigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Dragh mu ghearraidhean ann am Barraigh

[Màiri Rodgers – Preseantair] Tha dragh air nochdadh am measg coimhearsnachd Bharraigh gun toir na gearraidhean air a bheil a' Chomhairle a' beachdachadh barrachd buaidh an sin na bheireadh e mun cuairt Steòrnabhaigh. Chaidh coinneamh phoblach mu na sàbhalaidhean a chumail air an eilean a-raoir, far an do thog daoine draghan mu na seirbheisean saor-thoileach agus an t-seirbheis-adhair chun nan eileanan mu thuath. Tha an aithris seo aig Doneil MacLeòid.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Nochd còrr air trì fichead duine a chuir am beachdan mu choinneamh na comhairle air na molaidhean a chuir iadsan air adhart airson sàbhalaidhean buidseit. Bha cuid anns an sgìre ag ràdh gum biodh barrachd buaidh ann am Barraigh na dheigheadh fhaireachdainn nas fhaide gu tuath.

[Betty Nic an t-Saoir – Fuireach san sgìre] Tha e a' cur barrachd uallaich oirnn, saoilidh mi, airson ar guth a thogail agus airson leigeil leis a' chomhairle fios gu bheil e draghail dhuinn. Am beagan seirbheis a tha sinn a' faighinn, gum feumar a ghleidheadh cho math 's as urrainnear agus gu bheil na buill-comhairle, gu bheil iadsan cuideachd mothachail air na sgìrean beaga iomallach air am buail na gearraidhean fada nas cruaidhe na bhuaileas iad air àiteachan meadhanach mar a tha baile Steòrnabhaigh.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha a' chomhairle ag ràdh nach eil càil air a sgrìobhadh ann an clach fhathast agus gun gabhadh iad sùim ri na bha daoine ag ràdh.

[An Comh. Tormod Dòmhnallach - Comhairle nan Eilean Siar] Tha mi smaoineachadh gum feum sinne na gearraidhean a tha seo a dhèanamh tarsainn nan seirbheisean againn air fad agus bidh sinn gu h-àraidh a' coimhead ri far a bheil seirbheisean, far a bheil buaidh mhòr gu bhith aca ann an coimhearsnachd shònraichte, mas e 's gun tig an gearradh, agus bhithinn an dòchas gun deigheadh sin a sheachnadh nan gabhadh e dèanamh. Chan eil teagamh ann, bha cuspairean ag èirigh leithid còmhdhail anns a' choimhearsnachd, tha sin air a bhith air a thogail aig feadhainn de na coinneamhan eile a th' air a bhith againn, agus 's e sin rud a thèid sinn air ais thuige agus chì sinn a' bhuaidh dha-rìribh a bhios aig an sin ann an coimhearsnachdan fa leth a rèir 's mar a tha an t-seirbheis air a lìbhrigeadh an-dràsta.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Ach bha e soilleir bho cuid gun robh dragh ann mun dòigh a bha na gearraidhean gu bhith bualadh air seirbheisean ann an diofar dhòighean ann an diofar sgìrean.

[Dòmhnall Manford - Comhairliche ionadail] 'S e seo an rud a bha mise ag ràdh o thùs, an dòigh a tha a' chomhairle a' dol mu thimcheall air an seo. Chan eil e dòigheil idir agus thàinig sin gu math follaiseach a-nochd agus tha mi uabhasach toilichte gun tàinig daoine a-mach a dh'innse dhan fheadhainn a thàinig a-nuas cà' bheil iad a' dol ceàrr.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Bidh coinneamh phoblach eile a' gabhail àite ann an Dalabrog ann an Uibhist a Deas a-nochd mun bhuaidh a ghabhas na gearraidhean an sin. Doneil MacLeòid, BBC An Là, Barraigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!