FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Development plan for Loch Boisdale Quay Plana leasachaidh aig Cidhe Loch Baghasdail

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Plana leasachaidh aig Cidhe Loch Baghasdail

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, tha am pròiseas air tòiseachadh bhon thèid companaidhean a thaghadh airson cidhe ùr a thogail ann am Loch Baghasdal. Chaidh am pasgan fiosrachaidh mun obair a chur a-mach gu na companaidhean a tha a’ farpais airson a’ chùmhnaint. Tha còir gun tèid an companaidh a shoirbhich ainmeachadh as t-earrach an ath-bhliadhna. Tha Doneil MacLeòid ag aithris.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha am plana airson leasachadh mòr a dhèanamh aig Cidhe Loch Baghasdail air a bhith a’ dol airson greis. Tha Comhairle nan Eilean Siar, HIE agus na Roinn Eòrpa air airgead a chur ris, a-nis. Tha am pròiseas tairgse air tòiseachadh agus tha pasgain gan cur a-mach gu còig companaidhean airson an obair a dhèanamh.

[Aonghas MacIlleMhaolain - Stòras Uibhist] Tha sinn an dùil an uair sin, aig toiseach na bliadhna, gum faigh sinn sin air ais, is gun tig againne air taghadh a-mach à còig companaidhean a chuir a-staigh air a shon. Agus gum bi an obair air tòiseachadh, tha sinn an dòchas, anns an Ògmhios a’ tighinn.

[Calum Iain Macìomhair - CNES] ‘S e pròiseact Loch Baghasdail aon dhe na prìomh phròiseactan a th’ aig a’ Chomhairle agus Hebrides Range Taskforce air a’ phlana gnìomh aca airson leasachadh san eaconamaidh. Tha sinne a’ faicinn gu bheil am pròiseact seo na aon de na pròiseactan as cudromaiche airson leasachadh eaconomaidh Uibhist a Deas – tha e math gu bheil seo nise a’ dol a-mach agus tha sinn ag iarraidh faicinn an obair seo a’ tachairt gu math luath a-nis anns na mìosan ri thighinn.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Anns na planaichean, tha dùil ann gun tèid cidhe-iasgaich ùr a thogail le laimhrig, chabhsair, agus bhalla-fasgaidh ùr cuideachd. Am broinn sin, bhiodh marina le rùm airson gheataichean. Tha maoineachadh luach deich millean not ga chur mu seach. Tha mòran a’ faicinn gur e pròiseact cudromach a th’ ann airson leasachadh eaconomach a thoirt air Uibhist a Deas.

[Calum Iain Macìomhair - CNES] Tha sinne dòchasach ma thig an t-seirbheis ùr seo a-steach agus gum faighear an talamh ùr seo gum fosgail e cothroman ùra, cothroman matha agus gum bi leasachadh math anns an eaconomaidh air a sgàth.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] ‘S e aon rud a dh’fhaodadh tachairt, aig a’ cheann thall, gun tèid an sgìre gnìomhachais a thogail mar dara ìre den phròiseact seo, rud a thathar an dòchas a chruthaicheas obraichean.

[Aonghas MacIlleMhaolain - Stòras Uibhist] Tha gnìomhachasan stèidhichte ann an seo, mu chuairt, air iasgach. Tha iad a’ sealltainn gu bheil ùidh aca. Tha sinn air a bhith a’ coimhead air gnothaichean mar a tha, gu h-àraidh a thaobh na gheataichean a thoirt a-staigh, tha companaidhean airson sin a chur air adhart. Mar a bhith a’ coimhead às an dèidh, ‘s gan cur air dòigh air a thig iad gu tìr fad a’ gheamhraidh mar gum biodh, mar sin tha sinn gu math dòchasach gun tèid againne air obraichean a chruthachadh anns an dàrna pìos dhen obair seo.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha dòchas ann gun lean cùisean air adhart airson an obair togail tòiseachadh meadhan an t-samhraidh. Le a’ chrìoch air a’ chiad cheum dhen phròiseact taobh a-staigh bhliadhna. Doneil MacLeòid, BBC An Là, Uibhist a Deas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!