FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Book week in Scotland Seachdain nan leabhraichean ann an Alba

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Seachdain nan leabhraichean ann an Alba

[Màiri Rodgers] Thàinig sean agus òg còmhla ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an-diugh airson feasgar sònraichte ag èisteachd ri sgeulachdan agus a’ bruidhinn mu dheidhinn nan leabhraichean a b’fheàrr leotha. ‘S e Comhairle nan Leabhraichean a bha ga ruith is mar phàirt de sheachdain nan leabhraichean ann an Alba. Bha Catrìona NicFhiongain nam measg.

[Catrìona NicFhionghain – Neach-aithris] Gu dearbh, bha e soilleir gun robh clann air am beò-ghlacadh leis na sgeulachdan a bha rin innse an-diugh ‘s na ginealaichean a’ bruidhinn mu dheidhinn nan leabhraichean a b’ fheàrr leotha. Bho sgeulachdan Mac an t-Srònaich, Ossian agus Fionn gu Harry Potter agus Enid Blyton, cha robh gainnead sgeulachdan san t-seòmar seo.

[Donalda NicComb – Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu] Tha mise a’ smaointinn gu bheil e cudromach dhaibh, gu bheil iad a’ coinneachadh ri daoine, anns a’ choimhearsnachd, gu h-àraidh Gàidheil. Tha tòrr de na sgoilearan againne, chan eil ceangal sam bith aca ris a’ Ghàidhealtachd sna h-Eileanan, ‘s na h-àiteachean mar sin agus tha e math dhaibh a bhith a’ faicinn daoine a tha air a bhith a’ cleachdadh a’ chànain a tha seo a tha iad a’ faighinn fad an san sgoil.

[Catrìona NicFhionghain – Neach-aithris] Tha Comhairle nan Leabhraichean trang le diofar thachartasan, fad na seachdain. Ach tha iad airson gun tog a h-uile duine ann an Alba leabhar aig aon uair deug madainn Dihaoine gus daoine a bhrosnachadh a bhith a’ leughadh barrachd.

[Maria NicAonghais] Tha iad an dòchas gum bi a h-uile duine tron dùthaich a’ togail leabhar aig aon uair deug sa mhadainn agus a’ leughadh airson uair an uaireadair, tha iad ag ràdh, ach chan eil fhios ‘am gum bi a h-uil gnìomhachas ag aontachadh leis an sin. Ach, saoilidh mi gur e deagh bheachd a th’ ann, gum bi a h-uile duine tron dùthaich a’ leughadh còmhla airson leth-uair, deich mionaidean, uair an uaireadair, ach dìreach a bhith a’ leughadh còmhla, gur e rud cudromach a th’ ann.

[Catrìona NicFhionghain – Neach-aithris] Tha e follaiseach gu bheil a’ chlann a tha seo fhathast a’ faighinn toileachas mòr à leabhraichean is sgeulachdan, agus tha Comhairle nan Leabhraichean airson gun cùm an còrr den dhùthaich orra a’ leughadh. Siuthadaibh ma-thà, nach suidh sibh sìos agus cuiribh ur sròn ann an leabhar? Catrìona NicFhionghain, BBC, An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!