FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gaelic TV adverts Sanasan telebhisein Gàidhlig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Sanasan telebhisein Gàidhlig

[Màiri Rodgers – Presentair] Airson a’ chiad turas a-riamh, thèid sanasan telebhisein Gàidhlig a chraoladh gus daoine a bhrosnachadh a dhol a-staigh airson teagasg. Thèid na sanasan ‘Thig a Theagaisg’ a chraobh-sgaoileadh a-màireach air STV, airson cha mhòr ceala-deug. Aig a’ cheart àm ged-tà, dh’aitich Bòrd na Gàidhlig nach eil fhios aca le cinnt cia mheud tidsear air a bheil iad ag amas gus dùblachadh a thoirt air an àireamh chlann-sgoile a tha a’ dol tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Seo Eileen NicDhòmhnaill.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A’ cuimhneachadh air liosta fhada de luchd-teagaisg ann am Bun-sgoil Chliasmoil. Bha a-riamh duilgheadasan ann an ginealach òg a thàladh gu bhith teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig. Ach chan ann nas giorra a bhios an liosta sin anns na bliadhnaichean a tha romhainn. As t-samhradh, cheumnaich trì air fhichead oileanach le ceum ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoile agus àrd-sgoile. B’ e seo an àireamh as àirde a-riamh. Ach, am-bliadhna, thàinig lùghdachadh de leth-cheud sa cheud a chuir a-staigh airson nan cùrsaichean. Cha bhi ach aon tidsear deug ùr ann, an ath-bhliadhna. Mar sin, tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur romhpa fhèin barrachd dhaoine a thàladh gu bhith a’ teagaisg. Son a’ chiad turas a-riamh, thèid sin a dhèanamh tro shanasan telebhisein air STV. Tòisichidh iad a-màireach agus bidh iad rim faicinn airson ceala-deug cha mhòr. Chosg am pròiseact còig air fhichead mìle not, ach tha am Bòrd ag ràdh gum math 's fhiach a’ chosgais sin.

[Stephen MacÌomhair - BnaG] Tha sinn air obrachadh a-mach eadar na làithean a tha an rud gu bhith air an tele agus an àireamh de dhaoine a chì na sanasan ‘s tha sinne làn dùil gum faic còrr is aon puing còig millean neach na sanasan seo, nach cosg e ach sgillinn airson gach neach a chì na sanasan.

[Eileen NicDhòmhnaill – neach-aithris] Ged a chaidh cosgais a’ phròiseict obrachadh a-mach, chan eil fios le cinnt fhathast cia mheud duine air a bheil feum a’ Ghàidhlig a chumail beò. Tha am Bòrd ag amas gum bi a dhà uimhir de chlann-sgoile a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ron bhliadhna mhìle ‘s a seachd-deug.

[Stephen MacÌomhair - BnaG] Chan urrainn dhuinn siud a dhèanamh gun tuilleadh luchd-teagaisg a bhith againne son seo a dhèanamh. Chan eil cinnt ann an-dràsta cia mheud luchd-teagaisg a tha dhìth oirnn, ach tha sinn a’ feuchainn na beàrnan a th’ ann an-dràsta a lìonadh agus bho sin air adhart, tha sinn a’ feuchainn tuilleadh thidsearan a thrusadh gus an suidheachadh a chur air dòigh mar bu chòir.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha fear a th' air a bhith an-sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bho thùs, a’ faireachdainn gu feum an obair fhèin a dhèanamh nas tarrangaiche.

[Dòmhnall Iain MacLeòid] ’S dòcha, feumaidh sinn coimhead air dòighean ùra air fiù ’s barrachd de thidsearan fhaighinn. Mar eisimpleir, bidh bruidhinn air, bho àm gu àm air barrachd, pàighidh barrachd tuarastail a thabhann dha tidsearan, ma tha iad a’ teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sin gu math doirbh fhaighinn troimhe, chionn tha aonaidhean, 's a daoine, luchd-poilitigs is fheadainn an aghaidh sin. Ach ’s dòcha gu feum sinn coimhead air rudan mar sin.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Às aonais luchd-teagaisg Gàidhlig, cha bhi ceannardan sgoile ann - trioblaid a tha mu thràth air èirigh an Inbhir Nis. Às aonais an tuilleadh dhiubh, ‘s i a’ cheist am bi a’ Ghàidhlig buan agus beò anns na bliadhnaichean a tha romhainn. Eileen NicDhòmhnaill. BBC An

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!