FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new facility on Edinburgh's Tourist buses Goireas ùr air busaichean luchd-turais Dhùn Èideann

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2012.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2012.)

Video is playing in pop-over.

Goireas ùr air busaichean luchd-turais Dhùn Èideann

Angela NicIlleathain - Preseantair] Tha goireas ùr ri fhaotainn air busaichean luchd-turais Dhùn Èideann. Bha fiosrachadh mu na diofar sheallaidhean anns a’ chathair-bhaile ri chluinntinn ann an grunn chànanan mu thràth. A-nis, ged-tà tha cànan eile ann a ‘s urrainnear taghadh - a’ Ghàidhlig. Chaidh Iain MacDiarmaid dhan phrìomh bhaile a ghabhail turas.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Dùn Èideann - am baile as tarrangaiche do luchd-turais ann an Alba. Bidh na milleanan a’ tighinn ann à thall-thairis agus gu dearbh, tha gu leòr ann an seo son daoine a thàladh, fiù‘s tro mhìosan a’ gheamhraidh. Ach tha goireas ùr aca air a’ bhus seo – a reir choltais a fhreagras air chuid nas fhaisge air an taigh. Thugainn còmhla rinn agus gheibh sinn a-mach tuilleadh. A bharrachd air Fraingis, Sìonais no iomadh cànan eile, faodar a-nise roghainn Gàidhlig a thaghadh. Choinnich mi Iain MacLeòid a tha a’ fuireach sa bhaile agus a bha a’ gabhail an turais son a’ chiad uair.

[Iain MacLeòid] Tha an aithris a’ tighinn thugad mar a tha am bus a’ gluasad bho sràid gu sràid, agus tha e math, tha e gu math inntinneach a bhith a’ cluinntinn anns a’ Ghàidhlig.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] 'S e Alasdair MacLeòid bhon chompanaidh eadar-theangachaidh, Facal, a rinn an clàradh. Chosg e seachd gu leth mìle not agus a rèir neach-labhairt chompanaidh bhusaichean Lodainn, tha iad air an dòigh gu bheil e aca. Ach tha ceist ann - cho mòr ‘s a thèid a chur gu feum.

[Iain MacLeòid] Gu math tric, bidh buidhnean sgoile a’ tadhal air Dùn Èideann airson a dhol timcheall nan diofar àiteachan. Aon uair sa bhliadhna, bidh iad a’ tighinn an seo airson an saor-làithean agus tha mi an dòchas gun chleachd iad an cothrom a tha an seo tha mi an dòchas gun chleachd luchd-labhairt na Gàidhlig 's luchd-ionnsachaidh e cuideachd.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Leis a’ bhus a’ snìomh tro sràidean cumhang Dhùn Èideann– cha mhòr nach eil an turas seachad. Fiù ‘s mas e ‘s gur e àireamh glè bheag a chleachdas i, seo feum air ìomhaigh fhaighinn ann a bhith ag àrdachadh ìomhaigh na Gàidhlig ann an cathair-bhàite na h-Alba.

[Iain MacLeòid] Tha e a’ toirt ìomhaigh dhan Ghàidhlig agus tha an ìomhaigh sin cudromach am measg luchd-turais gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil cànan againne ann an Alba a bharrachd air a’ Bheurla agus gu bheil iad a’ toirt spèis dha.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Sin e! An turas seachad ‘s tha aon rud cinnteach, tha busaichean–turais Lodainn a’ tabhann seirbheis nach eil na busaichean eile. Iain MacDiarmid. BBC An Là. Dùn Èideann.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!