FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Development in the country's cycling facilities Leasachadh air goireasan-baidhsagail na dùthcha

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Leasachadh air goireasan-baidhsagail na dùthcha

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Cuiridh Riaghaltas na h-Alba faisg air ceithir millean not air leasachadh air goireasan-baidhsagail na dùthcha. Thèid a’ chuid mhòr dheth – trì millean not - ri slighe-baidhsagail ùr nàiseanta eadar an Oban is Inbhir Nis. Tha dòchas gun cuir e gu mòr ri eaconomaidh na Gàidhealtachd agus gu h-àraidh ri turasachd. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Bha uair a bhiodh ridirean gaisgeil a’ dol mun cuairt air mun-eich, ach ‘s ann a-nise air baidhsagalan a tha iad, eadar Sir Bradley Wiggins agus Sir Chris Hoy. Tha cho math ‘s a rinn luchd-baidhsagail na h-Alba aig na h-Oilimpeags a’ fàgail gu bheil barrachd fèill aig a’ mhòr-shluagh a tha seo air baidhsagalan na bha a-riamh. Ach tha fhathast barrachd iarraidh air goireasan airson baidhsagalan a chleachdadh bho gu là. As t-earrach a chaidh, bha iomairt aig Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh tuilleadh taic. An-diugh dh’ainmich an riaghaltas faisg air ceithir millean not airson goireasan-baidhsagail.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Thèid ceann reamhar na maraig dhen cheithir millean not a chosg air slighe eadar an Òban agus Inbhir Nis. Tha bloighean de shlighe baidhsagail an-dràsta eadar an bhaile leithid an fhear-sa, dìreach air taobh a-muigh Baile Dhubhrais, beagan mhìltean a-mach à Inbhir Nis, ach thèid ceangal a dhèanamh eadar na slighean beaga sin an-dràsta, ‘s bidh slighe ùr nàiseanta eadar Earra-Ghàidheal ‘s ceann a tuath na Gàidhealtachd.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Thèid ceithir cheud mìle not eile ri iomairt eile airson barrachd chloinne a bhrosnachadh baidhsagalan a thoirt dhan sgoil. Gu h-àraidh airson goireasan-pàircidh de bhaidhsagalan aig sgoiltean. Agus bidh leth a mhillean eile ann airson goireasan-baidhsagail aig stèiseanan rèile eadar Àrd Ruighe agus Bathgate. Dòmhnall Moireasdan. BBC An La.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!