FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Five star accommodation in the Western Isles Àiteachan-fuirich le còig rionnagan sna h-Eileanan an Iar

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Àiteachan-fuirich le còig rionnagan sna h-Eileanan an Iar

[Iain MacIlleathain - Preseantair] ‘S iomadh duine a bhios a’ tadhail air Na h-Eileanan an Iar airson nan saor-làithean am-bliadhna agus iarrtasan dhaibh fhèin aca air àiteachan-fuirich, eadar gur e ostail a tha iad a’ lorg, no àite le còig rionnagan. A dh’ aindeoin gur e ceann àrd de mhargaidh a bu dhaoire, tha an earrann sin dhen ghnìomhachas air fàs gu mòr bho chionn deich bliadhna. Rinn Catriona NicIlleathain beagan rannsachaidh dhuinn.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] ’S e aon rud a th’ ann àite-fuirich a thogail ann an àite snog brèagha. Ach ‘s e rud gu math eadar-dhealaichte a th’ ann a chumail aig ìre còig rionnagan. Ach a rèir choltais agus a dh’ aindeoin an obair a tha an-sàs ann. Tha an t-iarrtas airson àiteachan-fuirich dhe leithid do luchd-turais nas motha na bha e a-riamh.

[Ailean MacCoinnich] Tha margaidh an seo – tha i air leudachaidh a-mach agus tha fios againne gu bheil rud againne ri thabhann ge bith an t-iarrtas a th’aig daoine. Tha naoi às a’ cheud a-nis de dh’àiteachan-fuirich, tha iad sin a’ tabhann còig rionnagan agus tha sinn a’ faicinn gu bheil sin a’ leudachadh a-mach cuideachd gu àiteachan eile, a bharrachd air àiteachan-fuirich agus tha rud aig daoine ri fhaighinn thar sin, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil còrdadh gu bhith ac’ gu bhith faicinn gu bheil sinn a’ tighinn chun na h-ìre sin.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Chan e a-mhàin an àireamh de dh’àiteachan-fuirich aig ìre còig rionnagan a th’air atharrachadh ach na tha daoine a’ sùileachadh bho na h-àiteachan sin.

[Rhoda Chaimbeul] Tha cùisean air atharrachadh, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil na tha daoine a’ pàigheadh tòrr airgid airson fuireach ann an àite a tha iad a’ sùileachadh barrachd, tha iad ag iarraidh barrachd, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil cùisean air atharrachadh mar sin. Tha, cuideachd, cùisean air atharrachadh air sgàth gu bheil tòrr a bharrachd na taighean a-nis aig a bheil còig rionnagan agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin a’ toirt buaidh air a’ ghnìomhachas cuideachd.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Tha e follaiseach gu bheil na daoine a tha a’ tighinn chun nan seòrsa àiteachan seo a’ sùileachadh fìor àrd ìre a thaobh cofhurtachd agus goireasan, ach cho furasta ‘s a tha e an ìre sin a chumail an-àirde?

[Rhoda Chaimbeul] A h-uile bliadhna, tha rudeigin eile ùr a dh’fheumadh sinn a chur ann Feumaidh sinn rudeigin ùr a chur ann, air sgàth gu bheil iad a’ tighinn suas gu deich bliadhna. Agus, tha mi a’ smaoineachadh sa h-uile dàrna bliadhna, tha sinn a’ peantadh ‘s a tha sinn ga chumail, mar gum biodh e a’ chiad a thàinig a’ chiad fheadhainn a-steach. Tha cosgais na lùib a bharrachd ‘s dòcha nach eil air na rionnagan eile agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach gu feum sinn a’ cumail suas ris an sin, a h-uile bliadhna.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Ach, aig àm far a bheil mòran dhaoine nas faiceallaiche na bha iad a-riamh a thaobh mar a tha iad a’ cosg an cuid airgid, ciamar a tha sin a’ toirt buaidh air a’ cheàrnaig seo dhen ghnìomhachas, nach eil saor a’ dol an-sàs ann, no a bhith a’ fuireach ann.

[Iain Fordham] Yes, a few years ago, maybe five, six, seven years ago, there was no five-star accommodation at all. Blue Reef, I think, were the first five-star self-catering type accommodation. We were the first five-star serviced accommodation and I think it’s reflecting the need that people have, they want to have a really good holiday experience, holidays are very precious to them. They want to use their holiday time making sure they are staying somewhere that’s really, really good, so that the holiday is not spoiled or wasted.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Le barrachd na bha a-riamh de dh’àiteachan-fuirich aig ìre nan còig rionnagan anns na h-Eileanan an Iar, chan eil rian nach bi aig an fheadhainn leis a bheil iad ri a bhith ag obair rud beag nas cruaidhe airson dèanamh cinnteach gur ann thuca-san a thig an luchd-turais ge bith cho cofhurtail no cho snog ‘s a tha gach àite. Catriona NicIlleathain. BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!