FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Developments on the railway Leasachaidhean air na loidhnichean-rèile

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Leasachaidhean air na loidhnichean-rèile

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Thèid sinn air adhart a-nis, agus Network Rail a’ dol a chosg còrr is còig-deug air fhichead billean not air loidhnichean na dùthcha ron bhliadhna mhìle ‘s a naoi-deug, tha iad ag ràdh. Tha iad an dòchas gun dèan seo cùisean nas fheàrr do luchd-siubhail, ach tha rabhadh ann cuideachd gun tèid faraidhean suas airson pàigheadh airson na pròiseactan a thoirt gu buil. Tha tuilleadh aig Iain MacAonghais.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Na billeanan notaichean ga chosg gus beatha ùr a thoirt do loidhnichean-rèile na dùthcha. Tha plana-gnothachais Network Rail airson nam bliadhnaichean eadar mhìle ‘s a ceithir-deug agus mhìle ‘s a naoi-deug a’ gealltainn seirbheisean nas luaithe agus nas earbsaiche le barrachd seataichean do luchd-siubhail agus goireasan nas fheàrr do luchd-turais.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Tha Network Rail a’ cumail a-mach gur iad na h-atharrachaidhean as motha a bhios air fhaicinn air loidhnichean-rèile Bhreatainn bho Linn Victoria. Am measg na tha san amharc, thèid ceud, trì fichead ‘s a deich mìle seat a bharrachd a thabhann do luchd-siubhail. Thèid còrr is sia ceud millean not a chosg air loidhnichean-rèile a dhìon bho thuiltean agus thèid mìle, mìle de loidhnichean-dealain a chur an-sàs air feadh na dùthcha. ‘S e cheist ged-tà, co às a thig an t-airgead?

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Tha iad air rabhadh a thoirt ged-tà gu feumar sàbhalaidhean a bhith air a dhèanamh agus faraidhean a chur an-àirde airson seo uile a thoirt gu buil agus tha iomagain a-nis am measg luchd-siubhail gur iadsan a bhios a’ pàigheadh airson an ùrachaidh a tha seo.

[Coinneach Combe] ‘S e sin an rud a tha a’ cur dragh ormsa mu na planaichean a tha seo. Tha iad an dùil gum bi an àireamh dhaoine a tha a’ cleachdadh nan trèanaichean fhathast a’ fàs anns na bliadhnaichean a tha romhainn, ged a tha iad an dùil na faraidhean a chur suas. Ach, tha sin air a bhith a’ dol fad bhliadhnaichean agus tha mi a’ smaoineachadh nach seas daoine ri sin agus gum bi iad a’ tòiseachadh le bhith a’ coimhead air dòighean-siubhail eile seach na trèanaichean ma chumas iad orra a’ fàs anabarrach daor.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Thèid ceithir billean not a chosg ann an Alba, le leasachaidhean eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain agus air na loidhnichean anns na Crìochan. Ach thèid sùim mhòr a chosg air an loidhne eadar Glaschu agus Dùn Èideann, rud nach eil a h-uile duine riaraichte mu dheidhinn.

[Coinneach Combe] Tha mi smaointinn gu bheil feum air cosg airgead air cha mhòr a h-uile loidhne ann an Alba. Chan eil cho fada sin bhon a bha fada a bharrachd loidhnichean ann an Alba ‘s a tha againne san an-diugh agus feumar cuideachd coimhead ri loidhnichean ionadail, loidhnichean eadar Glaschu is Dùn Èideann agus cuideachd na loidhnichean a tha a’ ceangal Alba agus Sasainn ach tha feum air leasachadh air a h-uile càil a th’ ann, nam bheachdsa.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Tha buidhnean luchd-siubhail air fàilte a chur air amasan Network Rail airson ùrachadh a dhèanamh air na loidhnichean, ach ‘s e cheist ma tha cosgais na h-obrach a’ dol a thuiteam air a luchd-siubhail a-mhàin, am bi iad cho riaraichte an uair sin. Iain MacAonghais. BBC An Là. Aig Stèisean-rèile baile Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!