FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The book of Deer An Leabhar Dhèir

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

An Leabhar Dhèir

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, bidh an làimh-sgrìobhainn as sine is as cudromaiche ann an Gàidhlig na h-Alba ri leughadh saor ‘s an-asgaidh a-nis air-loidhne. ‘S ann an Oilthigh Chambridge a tha Leabhar Dhèir air a chumail. Bho na manaich aig an robh e ann an Dèir ann an Siorrachd Obar Dheathain air Gàidhlig a sgrìobhadh ann san darna Linn deug. Tha Cambridge a-nis air a chur air-loidhne ann an cruth didseatach, còmhla ri seann sgrìobhaidhean creideimh eile. An aithris-sa aig Dòmhnall Moireasdan.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Sin e, Abaid Dhèir ann an ceann a tuath Siorrachd Obar Dheathain, seo na tha a dh’èis anns an sgìre an-diugh dhen òrdugh mhanaich a bha seo. Thàinig iad an toiseach anns an t-siathamh Linn fo stiùir fear de dh’easbaigean Choilm Chille fhèin, Drostan. Agus ‘s ann aig na lean iad an seo a bha Leabhar Dhèir.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Chaidh an abaid a bha seo a stèidhicheadh anns a’ bhliadhna dhà-dheug ‘s a naoi-deug, ach cha b’ ann an seo idir a bha a’ chiad mhanachainn a bha anns an sgìre, bha i sin shìos an rathad beagan ged a ghabh an tè-sa thairis bhuaipe, agus ‘s ann shìos an sin a bha Leabhar Dhèir a tha cho cudromach ann an eachdraidh na h-Alba agus, gu h-àraidh, ann an eachdraidh nan Gàidheal.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S e an soisgeul ann an Laideann a th’anns a’ chuid-mhòr dhen leabhar, on an deicheamh Linn, ach bha na manaich a bha seo ann an Dèir air Gàidhlig a sgrìobhadh aig bonn is air iomaill nan duilleagan anns an dàrna Linn deug, a’ Ghàidhlig Albannach as sine a th’againne sgrìobhte an-diugh.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Fhuair Oilthigh Chambridge sealbh air leabhar Dhèir anns an ochdamh Linn deug. Tha iad a-nis air a chur air-loidhne anns an leabharlann dhidseatach aca saor ‘s an-asgaidh. Chì duine sam bith Gàidhlig Albannach nan dàrna Linn deug ann an làmh nam Manach fhèin ag innse mu thabhartasan fearainn is eachdraidh eile

[An t-Oll Roibeard O Maolalaigh] Nuair a nochdas an làmh-sgrìobhainn phrìseil a tha seo air-loidhne, bidh an goireas fìor, fìor mhath dha sgoilearan agus dha na Gàidheil air feadh Alba is air feadh an t-saoghail mhòir, gum faic iad an goireas a tha seo oir ron seo bha againne ri dhol a Cambridge dhan leabharlann is dh’fheumadh tu cead sònraichte fhaighinn son sùil a thoirt air an làmh-sgrìobhainn a tha sin. Ach a-nis tha e fosgailte, no bidh e fosgailte dhan t-saoghal mhòr agus ‘s e rud math a tha sin.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Seo an dearbh seòrsa sgìre ann an Galldachd Siorrachd Obar Dheathain a chanadh gu leòr, gun eòlas a cuid eachdraidh, nach robh gnothaich aice ri Gàidhlig. ‘S dòcha gun cuir Leabhar Dhèir a’ dol air-loidhne duine no dithis ceart. Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là, Dèir.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!