FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Looking at space A' coimhead ri na speuran

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

A' coimhead ri na speuran

[Màiri Rodgers - Preseantair] Uill, an-dràsta cuideachd an t-àm as fheàrr den bhliadhna airson a bhith coimhead ri na speuran. Leis an sin, tha grunn thachartasan air a bhith a’ dol air feadh Bhreatainn son daoine a bhrosnachadh a bhith nas mothachail mu dìreach a tha os an cionn. Aig deireadh na seachdain, chaidh cruinneachadh a chumail ann am Baile Chaisteil ann an Gallaibh, fear de na prìomh àiteachan ann an Alba airson a bhith a’ sgrùdadh nan rionnagan. Tha Dòmhnall Angie Moireasdan ag aithris.

[Dòmhnall Angie Moireasdan – Neach-aithris] Tha na speuran is na tha annta air a bhith nan iongnadh do mhac an duine bho thoiseach tìm. ‘S o chionn beagan bhliadhnachan, tha tuilleadh dhaoine air ùidh a nochdadh anns a’ chuspair le rionnagan leithid an t-Ollamh Brian Cox agus prògraman air an TV air a’ chuspair a dhèanamh nas tarraingiche.

[Gòrdan Mackie] There’s absolutely no doubt that BBC Stargazing Live has increased the amount of interest, if you’ll forgive the pun, astronomically. We’ve got plenty of members here tonight that have experienced the Brian Cox effect, in that respect, in that they’ve went to purchase equipment and had to wait several months for the stocks to replenish.

[Dòmhnall Angie Moireasdan – Neach-aithris ] ’S bha an ùidh sin follaiseach ann an Ionad Dualchais ann an Baile Chaisteil Oidhche Haoine, le còrr is trì fichead ‘s a deich neach air tighinn gus ionnsachadh mu nas urrainn dhaibh faicinn anns na speuran. Is leis gum feumar coimhead air na speuran san dubh dhorchadas, bha feum air camara sònraichte son a’ chùis fhaicinn.

[Dòmhnall Angie Moireasdan – Neach-aithris] ’S e seo aon dhe na làraichean as fheàrr ann an Alba airson coimhead air na speuran agus a dh’aindeoin ‘s gun robh sgòthan ann na bu thràithe, tha iad sin air falbh a-nis ‘s tha cothrom ann coimhead air na rionnagan a tha os ar cionn.

[Aonghas Miller] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil seo uabhasach math. An seo, ann am Baile Chaisteil, tha na speuran agus an t-adhar dorcha gu leòr airson na speuran fhaicinn air an oidhche. Mar sin, tha mi a’ smaoineachadh gum bi ‘s dòcha anns na bliadhnachan-sa tighinn gum bi a’ Ghàidhealtachd a’ tarraing dhaoine gus na speuran fhaicinn.

[Dòmhnall Angie Moireasdan – Neach-aithris] ‘S ma tha ùidh aig duine sam bith tòiseachadh a’ coimhead nas mionaidiche air na speuran. A rèir choltais, tha e glè fhurasta sin a dhèanamh.

[Gòrdan Mackie] It’s fairly simple, all you need is nice, clear, dark skies and that basically means anybody in the Highlands of Scotland, when the weather breaks and the clouds disappear, anybody can go out and have a look at the night sky and, with an appropriate guide, they can look up at the sky, and look at the guide and find out details about what they are actually looking at.

[Dòmhnall Angie Moireasdan – Neach-aithris] Dòmhnall Angie Moireasdan. BBC An Baile Chaisteal.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!