FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Raasay's roads are in a bad state Ròidean Ratharsair ann an droch staid

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Ròidean Ratharsair ann an droch staid

[Màiri Rodgers - Preseantair] Uill, tha ròidean Ratharsair ann an staid cho truagh, ’s gur dòcha nach fhad gus nach gabh cuid aca an cleachdadh. Sin a rèir muinntir Ratharsair fhèin. Nam measg, tha fear dhe na ròidean as ainmeile air a’ Ghàidhealtachd, Rathad Chaluim, air ainmeachadh mar urram dhan fhear a thog e le làmhan fhèin. Tha ìmpidh a-nis ga chur air Comhairle na Gàidhealtachd obair càraidh a dhèanamh, cho luath ‘s a ghabhas. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.

[John Willie Mac’Illiosa] Tha thu a’ seachnadh tuill fad an t-siubhail, gu h-àraidh an rathad a tha seo, a’ dol gu tuath agus ceann deas an eilein cuideachd a’ dol dhan fheàrna, tha e an aon rud.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] John Willie Mac’Illiosa ga mo thoirt sgrìob air slighean Ratharsair. Tha iad nan adhbhar dragh agus cunnartach a rèir mòran. Tuill a’ dèanamh milleadh air carbadan agus b’ fheudar fear a thoirt gu ospadal an samhradh-sa chaidh, as dèidh dha tuiteam far a’ bhike aige.

[John Willie Mac’Illiosa] Bhiodh e fada na b’ fheàrr nam biodh daoine san àite, ged nach biodh ann ach, can, duine no dithis part-ùine a bhiodh a’ cumail sùil air an rathad agus nam biodh dad sam bith a bhiodh feumach air a dhèanamh gun dhèanadh iad e. Bha rathad fada, fada nas fheàrr nuair a bha daoine a’ cumail sùil air ròidean an seo fhèin… tha trì òirlich de dh’uisge ann an sin, ach tha siud nas… tha mi a’ creidsinn gu bheil sia òirlich… bho sin. Coimhead taobh eile an rathaid mhòr a th’ ann an sin, tha an aon rud ann an sin. Uisge a’ tighinn air gu h-àrd ann an sin. Uisge a’ tighinn air an rathad mhòr, ‘s e a’ sruthadh a-nuas. Chan eil dòigh air a sheachnadh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chan eil ach beagan agus mhìle anns an rathad a thog Calum MacLeòid nach maireann, ach ‘s e pàirt mhòr de dh’eachdraidh Ratharsair a th’ann

[Roger Hutchison] Is it sentimental? I mean tell that to the people that have their cars towed off the road down to the ferry. Is it sentimental? Tell it to the people who depend upon tourism for a livelihood in this region. Is it sentimental? No, it’s not sentimental. It’s just a practical asset. It’s the service that every community should be entitled to.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chan e a-mhàin gu bheil na h-eileanaich a’ gearain mun a’ bhuaidh a th’ aig droch staid nan ròidean orra fhèin. Tha cuid aca is e a’ dèanamh dragh dhaibh mun chron a dh’fhaodadh a bhith air a dhèanamh air turasachd.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Ann an sgrùdadh ionadail, thuirt cha mhòr an dàrna leth de luchd-turais nach tilleadh iad air sgàth nan ròidean. Sgrìobh a’ chomhairle choimhearsnachd gun ùghdarras ionadail ag iarraidh fuasgladh.

[Rebecca NicAoidh] Tha e eudhon doirbh dhan charbad-ghiùlain rathad a dhèanamh, a dh’ ionnsaigh a’ claidh le staid an rathaid. Tha sinn a’ dol air ais gu seann làithean nuair a dh’ fheumadh daoine a’ chiste a ghiùlain iad fhèin.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S e ceum air adhart ged-tà, tha muinntir an eilein ag iarraidh. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum beachdachadh iad air obair-càraidh, aon uair ‘s gun tèid buidseatan a rèiteach. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Ratharsair.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!