FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Summer Club Club Samhraidh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Bean a' Mhinisteir Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Bean a' Mhinisteir

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Club Samhraidh

[Preseantair] Chan eil saor-làithean samhraidh na sgoile fad às agus tha aire Mhàiri a-nis air club samhraidh na h-eaglaise a tha i a’ cur air dòigh airson a’ chiad uair. Às dèidh a’ chlann fhaighinn deiseil airson na sgoile, turas do na bùithtean airson stuth a lorg airson a’ chlub.

[Màiri] Tha mi ’n dòchas gum faigh mi lorg air rudan anns na bùithtean cathrannais an seo. Tha mi gu bhith a’ lorg rudan mar Christmas baubles ’s tinsel ’s rudan mar sin agus chan eil fhios a’m am bi rudan den t-seòrsa sin ac’ mun àm-sa den bhliadhna. Co-dhiù faodaidh mi faighneachd dhaibh.

[Preseantair] Thaghadh Màiri Narnia mar chuspair a’ chlub agus tha i a’ sireadh dèideagan Nollaig am measg eile.

[Màiri] Ò thì, tha mi gu bhith ann an seo fad na h-oidhch’! ’S ann an-còmhnaidh ann an cùiltean beaga mar seo a gheibh thu na rudan a tha thu ag iarraidh. Uill, nì sin rud. Tunnag. Chan eil mi ag ràdh nach fhaodadh tu sin a chur ann am fear. Nis thu, seall na fhuair mi. Bò. Seo a-nis mar a bha mi a’ ciallachadh nan snowglobes a tha sinn a’ dol a dhèanamh. Agus seo am plana. Bidh thu a’ faighinn rud mar seo ’s tha thu a’ cur glue air an siud agus can an-dràsta steiceadh tu sin. Tha thu ga lìonadh le bùrn agus rud beag glycerin agus glitter ’s dùnaidh tu e an uairsin mar seo agus an uairsin nuair a chrathadh tu e tha e mar gum biodh an sneachd a’ tuiteam sìos air an rud. Seall an dearbh rud a bha mi ag iarraidh. Tha sin dìreach mìorbhaileach. Tha mi uabhasach toilichte le na fhuair mi. Cha robh càil a dhùil ’m gum faighinn na tha seo. Tha mi air mo dhòigh! Cha tug siud cho fada ’s a bha dùil a’m. Bha dùil a’m gum biodh agam ri bhith a-mach ’s a-steach gu tòrr bhùithtean mus lorgainn tòrr dhe na rudan a tha mi a’ lorg. Tha mi gu math toilichte an-diugh.

Chaidh am prògram seo, Bean a' Mhinisteir, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!