FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Renewable power on Farms Cumhachd ath-nuadhachail air tuathanais

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Cumhachd ath-nuadhachail air tuathanais

[Innes Rothach - Preseantair] Sheall rannsachadh ùr gu bheil àrdachadh air tighinn air na tha de thuathanaich a’ cur gu feum air cumhachd ath-nuadhachail mar phàirt de bheatha làitheil an tuathanais. A rèir sgrùdadh a chaidh a dhèanamh leis a’ bhuidhinn Energy Now, tha an àireamh de thuathanaich a tha a’ smaointinn nach bi cumhachd ath-nuadhachail deatamach dhan ghnìomhachas anns an àm ri teachd a-nis a’ tuiteam nas ìsle na còig anns a’ cheud. Tha Calum MacIlleathain ag aithris.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha cùisean air atharrachadh gu mòr bhon a thòisich tuathanaich ag obair air an talamh agus an rannsachadh seo a’ sealltainn gu bheil barrachd a’ coimhead air dòighean ùra am bith-beò a chumail a’ dol.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Le prìsean connaidh a’ dol suas fad na h-ùine, tha mòran thuathanaich a' coimhead air cumhachd ath-nuadhachail mar a’ mhuileann-ghaoithe an seo air mo chùlaibh mar dòigh air airgead a shàbhalachadh agus cuideachd a chosnadh dhaibh fhèin.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Leis an riaghaltas ag amas gum bi gach feumalachd chumhachd a’ tighinn bho cumhachd ath-nuadhachail anns a’ bliadhna mhìle ‘s fichead, tha an àireamh de mhuileannan-gaoithe a’ sìor dol am meud. Tha barrachd thuathanaich a’ toirt bràth air seo agus a’ cleachdadh am fearainn fhèin gus sgeamaichean beaga a chur suas. Ach a’ bhuaidh a bheir seo air beatha làitheil tuathanais.

[Raibeart Dòmhnallach] ‘N agad an rud as fheàrr mu dheidhinn ged-tà, faodadh tu cumail ort really a’ dèanamh mar a bha thu roimhe, ach gu bheil na muileannan-gaoithe, ‘s dòcha an hydro scheme, chan eil e really a’ faighinn anns an rathad air obair an tuathanaich idir. Nuair a tha muileann-gaoithe a’ dol timcheall, thèid e timcheall nuair a tha thusa na do leabaidh agus tha e a’ dèanamh airgead dhut.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] An-uiridh, thog fèillmhàirt Inbhir Pheofharain muileann-ghaoithe air am fearann fhèin agus tha cuideachd dòighean eile aca cumhachd a shàbhaladh.

[Coinneach MacCoinnich] We are big users of electricity and we thought it made a lot of sense for us, when we had a hill behind us, it was always windy up there and we thought it was a good chance for us to, be an opportunity for us to do that. We are hoping that we'll produce, say, fifty percent of our electricity. We’re putting up solar panels, as you see here and other renewables. Well, we’ve always done since day one, we’ve been here almost ten years and we collect all the rain water of this huge roof we have here.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha fhathast duilgheadasan a thaobh ceudan togail aig tuathanaich le mòran dhaoine an aghaidh muileannan-gaoithe agus leis nach eil iad freagarrach anns gach àite.

[Raibeart Dòmhnallach] Shuas far a bheil mi fhìn, ann am Baile na Grànnda, tha sinn anns an National Park, agus chan fhaod thu muileann-ghaoithe a chur suas, idir, idir. Agus tha sin ga dhèanamh nas duilghe do dhaoine ged-tà. Tha e doirbh am planadh fhaighinn.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Ach le mì-chinnt mu cho seasmhach ‘s a tha tuathanachas san àm ri teachd, tha teans ann gum faic sinn barrachd achaidhean anns a bheil barrachd na dìreach caoraich. Calum MacIlleathain, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!