FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New Trotternish races Rèisean ùra Thròndairnis

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Rèisean ùra Thròndairnis

[Màiri Rodgers - Preseantair] Tha cuireadh ga thoirt gun luchd-ruith as fheàrr ann am Breatainn tighinn dhan Eilean Sgitheanach anns an t-samhradh airson dùbhlain ùra. Airson a’ chiad turas cuiridh bhuidheann rèisean air dòigh air druim Thròndairnis. Agus tha iad dòchasach gun gabh an spòrs an uair sin a leudachadh san àm ri teachd. The Eilidh NicLeòid ag aithris.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tròndairnis air brèagha samhraidh, na tharraing agus na dhùbhlan do choisichean, ach an samhradh seo, tha dùil ri mòran a bharrachd a dhol an-àirde, tha cluba Rotary an Eilein a’ cur air dòigh rèisean-ruith ‘s coiseachd, cho fada ri fichead mìle san Ògmhios. Ach, mìos ron sin, bidh a’ chiad dùbhlan dhe leithid air a’ chnoc.

[Neil Turner] People have been talking about this race for a long time, people have wanted to race along the route for a long time. And the Skye and Lochalsh Running Club are really pleased to be the people to do the first race along the route.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S ann aig a’ cheum-choise ann am Flòdaigearraidh a bhios an rèis a’ tòiseachadh. Agus tha sreap mhìle meatair ro na lùth-chleasaichean dhan phàirt as àirde dhen t-slighe agus tha mise a’ dol a dh’fhaicinn ciamar a thèid leam.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha sia mìle deug uile gu lèir anns an rèis agus tha mi an dòchas gum bi sìde an t-samhraidh beagan nas fheàrr dhan fheadhainn a bhios a’ gabhail pàirt ann an uair sin. Nise, ‘s ann aig mullach a’ bhealaich a tha seo air a’ Chuith-Raing a bhios a’ chiad chothrom aig na farpaisich balgam uisge a ghabhail, ach tha pìos math ri dhol fhathast.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chan eil ceum-coise fad na slighe agus leis gur e sgìre ghlèidhte SSI a th’ann, cha ruith ach leth-cheud anns a’ chiad rèis. Feumaidh misneachd a bhith aig Dualchas Nàdair na h-Alba nach toir i droch bhuaidh air an àrainneachd. Tha an fheadhainn air a chùlaibh misneachail gun dearbh iad sin agus gum bi barrachd rèisean aca fhathast.

[Neil Turner] We’ve only got one hill race at the moment, that’s the Glamick Hill race, which is organised by Carnethy running club, down in Edinburgh, but hill running and off-road running is a real growing sport in Scotland just now and people love it! There’s absolutely no reason at all why we couldn’t be organising more races.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Agus ‘s ann an seo aig an Stòrr a bhios an rèis a’ crìochnachadh, ach chan eil mi airson ur mealladh idir, bidh fios agaibh, tha mi cinnteach, nach do rinn mise an t-slighe sin air fad. Fàgaidh mi sin aig na lùth-chleasaichean as fheàrr anns an dùthaich.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Gu dearbh, nochd grunn dhiubh ùidh ann mar-thà, ‘s amharas ann gum bi briseadh dùil aig cuid fhathast. Ach tha dùil nach i seo a’ chiad rèis a bhios ann agus gun tèid an spòrs bho neart gu neart a’ doimhneachadh cliù an Eilein mar cheann-uidhe spòrsachd. Eilidh NicLeòid. BBC An Là, Tròndairnis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!