FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Lews Castle College measuring the strength of the waves Colaiste a’ Chaisteil air a bhith tomhais neart nan tonn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Colaiste a’ Chaisteil air a bhith tomhais neart nan tonn

[Màiri Rodgers] Dh’adhbhraich an droch t-sìde troimhe-chèile le sgoiltean agus còmhdail anns na h-Eileanan Siar a-rithist an-diugh. Ach ‘s e adhbhar dòchais a bh’ ann do luchd-rannsachaidh a bha clàradh meud nam fairgean. Fhuair iad gu robh feadhainn còrr is fichead meatair a dh’àird, cumhachd a dh’fhaodadh barrachd dealan a chruthachadh ann an dusanan de stèiseanan cumhachd niùclasach tha ‘d ag ràdh. Tha tuilleadh aig Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach] Tha Colaiste a’ Chaisteil air a bhith tomhais neart nan suailichean an iar air na h-eileanan bho chionn còrr is bliadhna agus anns a’ bhliadhna a chaidh seachad, tha sin air a bhith a dhà uimhir ris a’ chumhachd ris an robh dùil.

[Donald MacRitchie] Rud a tha tighinn air ais a-nis, tha dearbhadh chiad figearan a bhathas ag obair leis, gu bheil sinn a-nis a’ bruidhinn air rud a tha tòrr nas motha agus tha sin na thrioblaid fhèin. Ach aig deireadh an latha ‘s e, ‘s e rud a tha tighinn air ais gu bheil cumhachd ann agus gu bheil e tòrr nas motha na bha dùil.

[Aonghas Dòmhnallach] ‘S e an duilgheadas do luchd-leasachaidh ge-tà, ciamar a gheibh iad dealan air falbh às na h-Eileanan. Tha iomacheist mu dheidhinn càball dealain fon mhuir na thrioblaid mhòr.

[Volger Ame] It probably is to some extent unreasonable to ask the wave power developers to

underwrite those costs because it is a young fledgling industry. It’s pioneering work and for Scotland this means we've got absolutely great opportunities here to develop an export market on a global stage. If we continue to develop our sites but before we develop these sites, we need the electrical infrastructure to be in place.

[Aonghas Dòmhnallach] Tha luchd-poilitigs air a dhol an sàs anns a’ chùis agus tha luchd-sgrùdaidh ga fastadh airson freagairtean fhaighinn a thaobh dùblachadh cosgais a’ chàbaill ann an dhà no trì mìosan agus cosgais cumhachd fhaighinn air falbh.

[Alasdair Allan] Bha Fergus Ewing a’ bruidhinn dhan chompanaidh, a’ dèanamh soilleir gu bheil sinn a’ fàs caran mì-fhoighidneach anns na h-Eileanan agus cuideachd gu bheil e uabhasach cudromach airson nan amasan againn airson cumhachd ath-nuadhachail ann an Alba air fad gu bheil an càball sin ann.

[Aonghas Dòmhnallach] Mar a chanas iad, ‘S e a’ ghaoth cham nach sèid ann an seòl chuideigin, ach tha strì ann a-nise airson na h-Eileanan a dhèanamh cinnteach, as bith bhios fìor do dhaoin’ eile gum bi na siùil acasan làn. Aonghas Dòmhnallach, BBC An ann an Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!