FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A singing class in Castle Douglas Clas seinn ann an Caisteal Dhùglais

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Clas seinn ann an Caisteal Dhùglais

[Alasdair Friseal - Preseantair] Tuilleadh ma-thà a-nis air fàs na Gàidhlig ann an iar-dheas na h-Alba. An-dè, chuala sinn gun deach cròileagan a stèidhichte ann an Dùn Phrìs. Uill, tha e coltach gu bheil ùidh mhòr anns a’ chànan anns an sgìre agus tha iad a’ feuchainn ri còisir a chur air bhonn cuideachd. Tha clas seinn air a bhith aca ann an Caisteal Dhùghlais fad bliadhna, agus mar a tha Caitriana Deeprose a-nis ag aithris, tha iad air beachdachadh air còisir a thoirt chun a’ Mhòid.

[Caitriana Deeprose - Neach-aithris] Tha an clas seinn seo ann an Caisteal Dhùghlais air a bhith a’ dol fad bliadhna le mu fhichead a’ dol ann gach mìos ‘s tha e follaiseach gu bheil e a’ còrdadh riutha.

[Màiri Kiely] Tha ùidh mhòr aca sa Ghàidhlig agus bidh iad a’ tighinn a h-ùile mìos son a bhith a’ seinn agus òrain Ghàidhlig ionnsachadh.

[Uilleam Shepherd] It’s the friendship and the comradeship that’s here. There’s something about singing that brings you together.

[Sìneag Rodgers] Bha Gàidhlig gu leòr ann an Galloway, mar a chanas iad. Bha Gàidhlig gu leòr – ‘s fhada on uair sin on a bha iad a’ bruidhinn Gàidhlig agus tha e math a bhith ga cluinntinn a-rithist.

[Caitriana Deeprose - Neach-aithris] Tha a bhios a’ dol ann air còisir a steidhicheadh i fhèin san t-Sròn Reamhar agus tha i an dòchas gum bi feadhainn bhon chlàs seo airson a bhith an-sàs ann ‘s i a’ beachdachadh air a dhol gun Mhòd.

[Dianne Stafford] Tha ùidh agam ann an òrain Ghàidhlig agus thòisich mi fhìn còisir bheag ann an Sròn Reamhar aon no mhìos air ais. Bidh am Mòd ann am Pàislig am-bliadhna agus bu toigh leam a dhol ann leis a’ chòisir.

[Caitriana Deeprose - Neach-aithris] Gu dearbh tha buill dhen chlas air fàilte a chur air an naidheachd ‘s iad dhen bheachd gun dèan còisir feum dhan Ghàidhlig sa sgìre.

[Sìneag Rodgers] Bhithinn glè thoilichte fhaicinn o chionn tha iomadach is oidhche a bha mi a ràdh rium fhèin, ò b’ fheàrr leam gun robh mi faisg air Dùn Èideann no Glaschu agus bhiodh e math choir fhaicinn.

[Màiri Kiely] smaoinich gun change tachradh sin bhliadhna air ais! Cha robh sìon a dh’fhios againne air sin!

[Caitriana Deeprose - Neach-aithris] Caitriana Deeprose, BBC An Là, Caisteal Dhùghlais

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!