FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A project for the Galson Estate Trust Pròiseact airson Urras Oighreachd Ghabhsainn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Pròiseact airson Urras Oighreachd Ghabhsainn

[Alasdair Friseal - Preseantair] Tha pròiseact ùr air tòiseachadh air taobh siar Leòdhais a tha ag amas air beachdan òigridh a ghabhail a-steach air obair urrais na sgìre. Chaidh “The Good, The Bad & The Ugly” a chur air dòigh eadar Urras Oighreachd Ghabhsainn agus sgeama òigridh na comhairle “Include-Us”. Tha gu deireadh na mìos aig daoine òga dealbhan de rudan a tha iad am beachd a bhiodh math, dona no grànda a chur chun an urrais agus thèid an uair sin beachdachadh air atharrachaidhean anns an sgìre.

[Dòmhnall MacSuain] Chan eil an competition seo, chan ann mu dheidhinn cho math ‘s a tha an dealbh agad idir. Chan e rud artistic a th’ ann, ach dìreach a’ feuchainn ri rudan a chomharrachadh. ‘S e an smuain a th’air a chùlaibh gu bheil òigridh ‘s dòcha a’ faicinn rudan nach eil inbhich. ‘S dòcha gu bheil mise a’ dol seachad air rudeigin a h-uile air an oighreachd is nach eil mi mothachail dha, no gu bheil mi ga fhaicinn ‘s nach eil mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn, tha mi dìreach ga fhàgail, ach ‘s dòcha gu bheil… agus tha sinn an dòchas gu bheil òigridh a’ faicinn rudan nach eil inbhich agus gun toir seo cothrom dhaibh rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn nan rudan a tha sin.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!