FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The people of Bernaray consider buying their own Island Muinntir Bheàrnaraigh a’ beachdachadh air an t-eilean a cheannach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Muinntir Bheàrnaraigh a’ beachdachadh air an t-eilean a cheannach

[Màiri Rodgers - Preseantair] Tha muinntir Bheàrnaraigh, ann an Leòdhas, a’ beachdachadh air an t-eilean a cheannach. As dèidh an fheadhainn leis a bheil e leigeil fhaicinn gum biodh iad deònach a reic riutha; bhàsaich an duine leis an robh e, an count Robin Mirrlees san Ògmhios an-uiridh. Agus chaidh an uair sin fhàgail aig ogha nach eil ga iarraidh. Bha an tè-naidheachd againne, Catriona NicIlleathain, ann am Beàrnaraigh agus dh’ inns i dhuinn beagan mu dheidhinn.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] ’S ann leis an Count Robin Mirrlees a bha Eilean Bheàrnaraigh agus an oighreachd mun cuairt air agus bhàsaich esan san Ògmhios an-uiridh. B’ ann leis a bha Eilean Bheàrnaraigh agus cuideachd eilean beag far Eilein Bheàrnaraigh, Beàrnaraigh Bheag. Chan eil duine a’ fuireach ann an sin agus tha sin ga làimhseachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte agus fa leth bhon an seo. ‘S e a tha sinn a’ bruidhinn air an-dràsta, ach Eilean Bheàrnaraigh fhèin far a bheil mi nam sheasamh an-dràsta agus tha còrr is cheud a’ fuireach ann. Nis, dh’ fhàg an Count Mirrlees, dh’fhàg e an t-eilean an seo aig ogha dha agus tha luchd-lagh ogha a’ Chount air sgrìobhadh gu muinntir an àite agus tha iad air a ràdh riutha gum faod iad an t-eilean a cheannach, mas e ‘s gu bheil iad ga iarraidh.

[Màiri Rodgers - Preseantair] Agus a Chatriona, tha ùidh aig Muinntir an Eilein a cheannach, ma-thà?

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Tha muinntir Eilein Bheàrnaraigh air a bhith a’ beachdachadh air an t-Eilean seo a cheannach roimhe, ach cha robh fhios aca buileach, càite an robh iad a’ seasamh a thaobh an robh an t-uachdaran airson a thoirt seachad, no nach robh. A-nis, ‘s gu bheil iad air fios fhaighinn gum faod iad an t-eilean a cheannach, mas e ‘s gu bheil iad ga iarraidh, feumaidh cùisean tòiseachadh a’ gluasad rud beag nas luaithe na bha iad is a-nis gu bheil luchd-lagh airson faighinn a-mach a bheil ùidh aca ann ron chiad dhen Ghiblean.

[Tormod Dòmhnallach] The first thing we have to do is ascertain whether a majority of the residents wish to buy the island, effectively. As I say, I’m delighted with the offer and I think it’s a great opportunity. I think, we’ve been looking at several different projects that we could take forward as a development group within the island and this was one of them. This, at the moment takes top billing, as it were.

[Màiri Rodgers - Preseantair] thachras a-nis?

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Bha iad air buidheann-stiùiridh a chur air dòigh mu thràth. Cuiridh am buidheann-stiùiridh tha sin air dòigh coinneamh phoblach. Thèid cuireadh a chur gun h-uile duine a thighinn cruinn còmhla airson cùisean a dheasbad. Thèid an uair sin rannsachadh neo-eisimeileach a chur air dòigh a choimheadas air an chuid, na buannachdan agus na duilgheadasan a dh’ fhaodadh a bhith an lùib a bhith a’ ceannachd an eilean. Is feumaidh iad an uair sin, an-dèidh a h-uile càil a tha sin, a’ tighinn gu co-dhùnadh. Mar a chuala sinn, feumaidh an co-dhùnadh a bhith leis an luchd-lagh aig ogha a’ Chount ron chiad dhen Ghiblean. Mar sin, math do mhuinntir Eilein Bheàrnaraigh ann an Leòdhas, ach tha coltas ann gu bheil tòrr obrach romhpa a-nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!