FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Another list of Mairi’s Liosta eile aig Màiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Bean a' Mhinisteir Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Bean a' Mhinisteir

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Liosta eile aig Màiri

[Preseantair] Air ais ann am Baile Dhubhthaich agus às dèidh a triall anns na bùithtean tha Màiri air ais sa mhansa agus liosta eile na làimh.

[Màiri] Agus notebook, Luke.

[Preseantair] Tha Luke a’ dol gu campa air an deireadh-sheachdain.

[Màiri] Bidh activities aca agus tha grunn aca a’ falbh air bus agus bidh sinn a’ faighinn kit list den t-seòrsa seo ’s bidh mise dìreach a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil aige deiseil. Cha do chuir sinn na stocainnean…

[Preseantair] Ach chan eil am pacaigeadh às aonais strì.

[Màiri] Faigh do Bhìoball. Feumaidh Bìoball a bhith agad. Bidh sin sin. Siud, siud ’s tha pyjamas againn. Cà’ bheil thu? Bìoball. Tha sinn ann am mansa agus tha e a’ lorg Bìoball! Sin e. Right, nì sin an gnothaich. Sin do thubhailt, sin do phyjamas. A’ briogais sin agus t-shirts agus an geansaidh sin. Eil thu toilichte gu leòr le sin?

[Luke] Chan eil.

[Màiri] Thalla a dh’iarraidh fear eile shìos an staidhre. Cunnt gu deich.

[Preseantair] Agus nuair a bhios cùisean a’ fàs caran riaslach bidh Màiri a’ dèanamh air an t-sitig.

[Màiri] Gàrradh mòr a tha seo agus bheireadh tu fad chan eil fhios dè ag obair ann. Tha craobh mhòr ùbhlan agam ann an seo cuideachd agus an-uiridh bha an t-uabhas ùbhlan oirre agus nuair a bha mi gan togail bha mi a’ dèanamh tòrr apple pies. ’S e sin a bha a h-uile duine a’ faighinn air biadh na Sàbaid. Bha iad a’ faighinn apple pies ’s apple crumbles. Bha iad àlainn. Chuir sinn còig sreathan churrain ann an sin agus snèapan agus buntàta. Ge bith an tig sin, tha sinn gu math fadalach ach bha an t-sìde fadalach co-dhiù. Bha e cho fuar ’s cho mì-chàilear ach tha mi beò ’n dòchas gun tig rudan an-àirde! Tha sìth an cois a bhith ag obair ann an gàrradh. Chan eil ach bidh mi ag obair gu math cruaidh anns a’ ghàrradh. Bidh mi a’ bruidhinn rium fhìn ’s bidh mi ag ùrnaigh leam fhìn. Diofar rudan a bhios a’ dol timcheall na mo cheann. Tha. ’S chaomh leam a bhith sa ghàrradh.

[Preseantair] Tha mansa air a thoirt do Mhàiri agus Alasdair leis an eaglais cho fad ’s a bhios Alasdair na mhinistear an sin.

[Màiri] Thuirt mise ri Alasdair nach robh mi a’ dol a phacaigeadh gu bràth tuilleadh ach tha mi a’ smaoineachadh gum bi sin an urra ri a bheil an Cruthaidhear ag iarraidh oirnn fuireach an seo càil nas fhaide na …. Uill feumaidh tu dìreach a bhith gabhail ris uill tha sinn ann an seo gus an tèid iarraidh oirnn a dhol taobh air choreigin eile. Tha mi a’ smaoineachadh mus tàinig mi ’s mathaid gun robh smuain agam mu dheidhinn cò ris a bhithinn a’ faireachdainn, fhios agad, coimhead às dèidh, gu h-àraidh a’ coimhead às dèidh taigh cho mòr, an t-uallach a th’ ann gu bheil fhios agad nach ann leat a tha e agus ma thèid càil ceàrr ach a-nis bho thàinig mi ann chan eil e a’ dèanamh dragh sam bith dhomh. Tha mi a’ coimhead às a dhèidh cho math ’s a ghabhas. Chan eil càil permanent mar sin. Chan eil e gu diofar, fhios agad, càite am bi thu agus mar sin tha mis’ dìreach ga fhaicinn ’s e seo mo dhachaigh an-dràsta agus nì mi e mar dachaigh ’s tha e mar dhachaigh dhomh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!