FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Development of the Free Church in Dornoch Leasachadh air an Eaglais Shaor ann an Dòrnach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Leasachadh air an Eaglais Shaor ann an Dòrnach

[Màiri Rodgers - Preseantair] Nis, thòisich iomairt airson ceithir cheud mìle not a thogail airson leasachadh a dhèanamh air an Eaglais Shaor ann an Dòrnach. Thogadh an Eaglais goirid às-dèidh an sgaraidh ann an ochd ceud deug fhichead ‘s a trì. Agus, tha i a-nis feumach air an t-uabhas de dh’obair. O thoiseach na h-ath mhìos, bidh an coitheanal ag adhradh ann an Acadamaidh Dhòrnaich gus am bi an ath phàirt den leasachadh deiseil aig deireadh na bliadhna. Tha an aithris seo aig Pàdraig MacAmhlaigh.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Tha na ballachan cho seasmhach ‘s a bha iad nuair a chaidh an eaglais a thogail o chionn faisg air cheud bliadhna. ‘S ann thàinig an t-atharrachadh air an t-saoghal a-muigh agus feumaidh an eaglais atharrachadh a rèir sin.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Seo ceist a tha mu choinneamh choitheanalan thall ‘s a- bhos san latha a th’ ann. Tha na toglaichean sean, tha na goireasan ‘s an uidheamachd a th’ annta sean agus feumach air ùrachadh. Ach tha a h-uile càil a tha sin a’ dol a chosg mòran airgid.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Tha mu cheithir fichead neach-adhraidh an seo air an t-Sàbaid ann an togalach a ghabhas grunn cheudan. Bidh na seirbheisean a’ gluasad suas an staidhre.

[An t-Urr Donnchadh MacLeòid] Tha làr gu bhith ann, shìos an staidhre, tha rùm airson dìreach cur-seachadan eadar-dhealaichte, multipurpose room, tha sinn a’ dol a dhèanamh cidsin tòrr nas motha na th’ againne an-dràsta. Tha sinn a’ dol a dhèanamh àite far am faod daoine a bhith cruinneachadh dìreach airson cur seachad tìde còmhla ri chèile an-dèidh na seirbheis is mar sin air adhart. Tha sin a’ dol a dhèanamh rumannan far am faod a’ choimhearsnachd a bhith tighinn airson rudan eadar-dhealaichte. 'S dòcha gum bi is cofaidh gan toirt seachad an-asgaidh, ‘s dòcha do dhaoine, ma tha iad airson a’ tighinn a-steach?

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Tha dreach na h-aoise an-diugh air pàirtean den eaglais, tha fiù ‘s an làr na chunnart.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Duine sam bith a’ tighinn a-steach dhan togalach, chì iad dìreach nach eil an làr a tha seo còmhnard, nach eil e rèidh. Agus tha feadhainn air a bhith tuiteam ‘s dòcha gan goirteachadh fhèin, tha sinn dìreach mothachail air cho cunnartach ‘s a tha e agus cho feumail ‘s a bhios e a chur air an aon level air fad.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Tha fiodh air leth eireachdail agus luachmhor an seo. Tha margaid ann air a shon agus bheir sin airgead glè fheumail a-steach

[Mark Robinson] We’re fortunate in the day of the internet in that we can advertise online and locally as well and we were greatly encouraged that there was a lot of local people, local interest in re-using this lovely timber in a number of different places in new builds and in existing homes.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Ach am bi an t-sìth ann? Tha buaireadh buailteach nochdadh an lùib atharrachaidh air eaglaisean.

[An t-Urr Donnchadh MacLeòid] Nuair a thòisich leasachaidhean anns a’ choitheanal-sa an tòiseach, chan eil teagamh sam bith, bha tomhas de dh’easaontachd ann aig an àm sin. Ach, chan eil a-nis. Tha cùisean air gluasad air adhart, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil a h-uile duine a’ faicinn gum feumar an obair a chrìochnachadh. Bhon a chaidh tòiseachadh air, feumar a chrìochnachadh, agus, cho fad ‘s as aithne dhomh, tha an coitheanal Gu h-aon ghuthach air cùl an leasachaidh a tha seo a tha sinn a’ dol a dhèanamh an-dràsta.

[Pàdraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Bidh an eaglais a’ dùnadh aig toiseach na h-ath mhìos ‘s an coitheanal ag adhradh anns an àrd-sgoil gus am fosglaidh i a-rithist aig deireadh na bliadhna. Pàdraig MacAmhlaigh, BBC An Là, Dornoch.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!