FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Geese in the Uists Geòidh anns na h-Uibhistean

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Geòidh anns na h-Uibhistean

[Innes Rothach - Presenter] Thèid iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh airgid a thoirt do sgeamaichean ann an Uibhist airson smachd fhaighinn air àireamh nan gèadh. Tha eagal air croitearan gum fàs na h-eòin nas lìonmhoire buileach nuair a thig sgeama dìon nam machraichean gu crìoch san t-fhoghar, an ath-bhliadhna. Tha an aithris seo aig Doneil MacLeòid

[Doneil MacLeòid – neach-aithris] Rinn Dualchas Nàdair na h-Alba obair ann an cuid de sgìrean a dh’ fheuchainn ri tomhas fhaighinn air na th’ ann de gheòidh anns na h-Eileanan an Iar. Tha a h-uile coltas ann gu bheil an àireamh dhiubh a’ sìor dhol am meud ann an àiteachan anns an fharsaingeachd.

[Doneil MacLeòid – neach-aithris] Airson bliadhnaichean, tha croitearan anns na h-Uibhistean air a bhith a’ gearain air geòidh anns na sgìrean aca, ag ràdh gu bheil iad nan crois dhaibh, le bhith ag ithe agus a’ milleadh ‘s a’ gannrachadh ann an talamh-àitich agus ionaltraidh. Agus, tha iad cuideachd ag ràdh nach eil iad a’ faighinn taic gu leòr bho na h-ùghdarrasan airson dèiligeadh leis an t-suidheachadh seo.

[Ena NicDhòmhnaill] Tha e dìreach mar... ‘s ann a shaoileadh tu nach robh fhios aca bha a’ tachairt, ‘s tha mi aig an doras seo, ‘s tha iad air tighinn, ‘s tha iad air faicinn, am math tha sin? Bidh mi uaireannan a’ dùrachdainn dìreach grèim fhaighinn orra-san, ’s an sròn a chur ann!

[Doneil MacLeòid – neach-aithris] Thig sgeama dìon nam machraichean gu ceann anns an t-fhoghar an ath-bhliadhna, rud a tha dìon bàrr bhon a’ gheòidh le bhith gan sealg.

[Ena NicDhòmhnaill] Tha seo a’ sgur, tha machair project an seo. ‘S iadsan a th’air a bhith a’ riaghladh seo o chionn trì bliadhna, ach chan eil air fhàgail ach aon bhliadhna, ‘s deireadh an fhoghair-sa tighinn, cha bhi an còrr protection againne, ach tha e a’ smaoineachail, ach tha sinne a’ dol a dh’fheuchainn, sàbaid, mar a thuirt iad, lobbyeadh an riaghaltais, feuch an toir iad seachad tuilleadh airgid.

[Doneil MacLeòid – neach-aithris] Aig an aon àm, tha Dualchas Nàdair na h-Alba a’ ruith sgeama, Adaptive, a tha a’ toirt maoineachadh do dhaoine ann an Uibhist na geòidh a shealg. Thathas a’ cumail a-mach nan robh barrachd airgid ga chur air cùl seo gun cuidicheadh sin lùghdachadh susbainteach a thoirt air a th’ ann de gheòidh, gu h-àraidh nuair a thig sgeama dìon nam machraichean gu ceann

[Ena NicDhòmhnaill] A bharrachd air an arbhar, cuireadh tu a-mach silage dha na beathaichean aig an àm seo den bhliadhna. Agus tha na geòidh air a’ mhullach, tha iad ag ithe, cha mhòr a’ cheart uimhir ri na beathaichean. Agus chan e a-mhàin na tha iad ag ithe, ach na tha iad a’ milleadh. Tha iad dìreach ga ghannrachadh, chan urrainn g’eil e math dhaibh. Cuiridh tu, ‘s dòcha, eòrna air an talamh dhaibh son ithe. Agus tha fios g’eil na beathaichean bochda ag ithe salchar nan gèadh. Dh’fhaodadh iad a bhith a’ faighinn galaran, bidh mi uaireannan a’ smaoineachadh, tha fios gu bheil iad. Dh‘fhaodadh iad salmonella fhaighinn, dh ‘fhaodadh iad rud sam bith fhaighinn.

[Doneil MacLeòid – neach-aithris] Tha an àireamh de gheòidh air a bhith ag èirigh anns na h-Eileanan thar nam bliadhnaichean le daoine a’ togail nach eil uimhir a' sealag ‘s a bha. Bha cuid ag ràdh gur ann nas doirbhe buileach a bhios e croitearachd a chumail a’ dol, mur a tèid smachd ceart fhaighinn air geòidh ann an sgìrean àiteachais anns na h-Eileanan an Iar. Doneil MacLeòid, BBC An Là, Na h-Uibhistean.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!