FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A butterfly is ruining plans for a car race Dealan-dè a’ dèanamh miastadh air plana airson rèis chàraichean

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Dealan-dè a’ dèanamh miastadh air plana airson rèis chàraichean

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, tha chaos theory air ràdh gum faod buile bho na sgiathan aig dealan-dè sgrios a dhèanamh air taobh thall an t-saoghail. Seo a-nis sgeulachd mar a tha dealan-dè a’ dèanamh miastadh air plana airson rèis chàraichean ann an Earra-Ghàidheal. Chan ann le builean sgiathan ged-tà, ach leis gu bheil i ann idir. Bha dùil rèis motocross a chumail faisg air Cille Mhàrtainn airson a’ chiad uair ann an còig bliadhna deug air fhichead. Chan urrainn dhaibh ged-tà, leis gu bheil an dealan-dè a-nis a' fuireach ann. Seo Andreas Wolff.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bha còrr is seachd mìle duine an làthair ann an seo ann an Cille Mhàrtainn ann am meadhan Earra-Ghàidheil ann an naoi ceud deug seachad ‘s a h-ochd (1978). ‘S ann an seo aig Caisteal Charnasserie a chaidh an aon Grand Prix Motocross na Cruinne a chumail an Alba. Bidh cuid dhe na dràibhearan a’ cruinneachadh a-rithist anns an sgìre san Ògmhios am-bliadhna agus bha iad am beachd an rèis a bhith aca aon uair eile. Ach, chaidh cur às dhe na planaichean sin air sàilleibh, agus gum faod gun toir e droch bhuaidh air dealan-dè nam boglaichean a tha a’ fuireach air an làraich. Tha e coltach gum faodadh an rèis a tha seo cron a dhèanamh air lus air a bheil grèim an diabhail agus tha an dealan-dè sònraichte a tha seo beò air an sùgh aige, ach bidh na dràibhearan fhathast a’ cruinneachadh anns an sgìre. Tha e coltach ged-tà nach bi rèis ann a-nise.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!