FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Pilot scheme about exercise Sgeama paileit mu eacarsaich

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Sgeama paileit mu eacarsaich

[Innes Rothach - Preseantair] A’ fuireach ri gnothaichean slàinte agus dh’foillsich riaghaltas na h-Alba sgeama paileit an-diugh, far am bi dotairean teaghlaich a’ toirt comhairle do dh’ euslaintich mu bhith ag eacarsaich. Le ìrean reamhrachd a’ sìor dhol am meud, tha tuilleadh uallaich a’ tighinn air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte a bhith brosnachadh dhaoine gus a bhith nas beòthaile. Tha barrachd aig Catriona NicFhionghain.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Eacarsaich, chan e naidheachd ùr a th’ ann gu bheil e math dhuinn. Cuideachd, chan e naidheachd ùr a th’ ann gu bheil àireamhan de reamhrachd ann an Alba air a dhol suas. Tha Riaghaltas na h-Alba airson gun tòisich dotairean air comhairle shònraichte a thoirt seachad dhan cuid euslaintich gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh ceart aig daoine mu cho cudromach ‘s a tha e a bhith a’ gluasad. Tha sgeamaichean coltach ris mu thrath gus dèiligeadh ri trioblaidean na dibhe agus smocadh. Ach, a’ bhuaidh a th’ aig reamhrachd air slàinte mhic-an-duine?

[Sarah Marr] Tha e a cheart cho cunnartach cuideam a chionn ‘s a tha thu buailteach air milleadh a dhèanamh air do bhodhaig, even rudan mar a tha varicose veins agus haemorrhoids air sàilleibh reamhrachd.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Tha Jacqui Pollock a’ gabhail clasaichean eacarsaich ann an Glaschu. Tha ise den bheachd nach e rud doirbh a th’ ann a bhith a’ dèanamh barrachd eacarsaich.

[Jacqui Pollock] Chan eil e idir doirbh. Leth-uair a thìde, trì uairean san t-seachdain agus ‘s urrainn dhut coiseachd, ruith agus cluich am wii, chan eil sin idir doirbh.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Tha sia diofar bùird slàinte a’ gabhail pàirt san sgeama an–dràsta. Nam measg sin, tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar. Tha an Riaghaltas airson dèanamh cinnteach gum bi fhios againne mu na buannachdan a tha an lùib a bhith a’ dèanamh eacarsaich.

[Jacqui Pollock] Chan eil daoine a’ tuigsinn cho cudromach ‘s a tha exercise.. Tha change e change cudromach airson a bhith fallain agus airson d’ inntinn cuideachd.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Ach tha air tachairt a th’ air fàgail Alba mar aon de na dùthchannan leis na trioblaidean reamhrachd as motha anns an Roinn Eòrpa.

[Sarah Marr] Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil daoine a’ suidhe air sèithrichean a-staigh tuilleadh ‘s a’ chòrr fada a’ coimhead air a’ bhogsa is daoine òg a’ dèanamh geamaichean air na computers. Agus chan eil iad a’ dol a-mach tric gu leòr, a-mach às a taigh a choiseachd.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Tha iad a’ tomhais gu bheil mhìle gu leth duine ann an Alba a’ bàsachadh nas tràithe nas còir air sgàth ‘s reamhrachd. Le barrachd comhairle agus foghlaim, tha an riaghaltas dòchasach gun tig an àireamh seo sìos. Catriona NicFhionghain. BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!