FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Plan to build a new town in the Cairngorms National Park Plana baile ùr a thogail ann am Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Plana baile ùr a thogail ann am Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh

Angela NicIlleathain - Preseantair] Chaidh plana connspaideach baile ùr a thogail ann am Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh air beulaibh Cuairt an t-Seisein. Tha buidhnean glèidhteachais feargach gu bheilear airson mìle gu leth taigh a thogail ann an Camus Mòr, faisg air an Aghaidh Mhòr. Tha dragh orra mun bhuaidh a bhios aig an àit’ ùr air fiadh-bheatha na sgìre. Mhìnich Dòmhnall MacLaomainn barrachd mun a' phlana.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Uill, tha luchd-planaidh agus comhairlean-coimhearsnachd air a bhith bruidhinn mu dheidhinn leasachadh an àite seo – An Camas Mòr, faisg air An Aghaidh Mhòr son còrr air fichead bliadhna. Nise, bha sgrùdadh planaidh ionadail ann ann an naoi-deug ceud naochad ‘s a ceithir agus a-rithist ann an naoi-deug ceud naochad ‘s a seachd, ach bhon uair sin, ‘s e Comhairle na Gàidhealtachd, còmhla ri Iain Grannd, Oighreachd Rothiemuchas a th’ air a bhith strì airson an leasachaidh a tha seo.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Nise, ann an mhìle ‘s a deich, as dèidh mòran obrach airson sàsachadh nam buidhnean glèidhteachais, fhuair iad cead dealbhaidh agus ann an mhìle ‘s a h-aon-deug ghabh companaidh Springfield, thairis a’ phròiseact agus tha iadsan airson leantainn orra mìle gu leth dachaigh a thogail anns an àite seo.

[Angela NicIlleathain - Preseantair] tha buidhnean glèidhteachais nam biastagan beaga, no Buglife ag ràdh mun chùis?

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Uill, tha buidhnean glèidhteachais, leithid Wilderness Scotland agus a’ Phàirc Nàiseanta fhèin gu math taiceil dha na planaichean seo. Ach, tha grunn bhuidhnean glèidhteachais nan aghaidh.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] An-uiridh anns an t-Sultain, thàinig trì dhe na buidhnean sin còmhla airson tagradh laghail a thoirt an aghaidh nam planaichean. Nis, cha deach leotha agus bha dùil againne an uair sin gur e sin deireadh na cùise. Ach, tha buidhnean glèidhteachais as ùr a’ nochdadh, buidhnean glèidhteachais airson nam biastagan beaga, no Buglife, agus tha iadsan air spionnadh as ùr a thoirt dhan iomairt seo.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Nise, tha iadsan ag ràdh gu bheil na planaichean seo a’ dol a dhèanamh cron air biastagan beaga a th’ ann an cunnart a dhol a-mach à bith co-dhiù, leithid seilleanan blueberry agus seangan le ceann-cumhainge. Cuideachd, beathaichean fiadhaich eile mar a’ Chait fhaidhaich agus feòragan ruadh.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha iad ag ràdh gu bheil na planaichean a’ dol an aghaidh riaghailtean Eòrpach a thaobh àrainneachd glèidhteachais agus nach deach rannsachadh gu leòr a dhèanamh air a’ chron a dh’ fhaodadh na planaichean a dhèanamh air an àrainneachd fhèin. Tha iad a’ toirt a’ chùis a tha seo gu cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann an-diugh còmhla ri na buidhnean glèidhteachais eile a dh’ainmich mi na bu thràithe. Mairidh a’ chùis-lagh seo agus bidh na buidhnean glèidhteachais an dòchas gun urrainn dhaibh stad a chur air na planaichean a tha seo. Nise, bidh na daoine a tha airson nam planaichean an dòchas gun urrainn dhaibh tòiseachadh ceart a chur air pròiseact a thàinig gu bàrr an tòiseach ann an naoi ceud deug ceithir fichead ‘s a naoi.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!