FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Pressure on the Scottish Government about the Breakish Road Cuideam air Riaghaltas na h-Alba mun phrìomh rathad Bhreacais

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Cuideam air Riaghaltas na h-Alba mun phrìomh rathad Bhreacais

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Tha muinntir Bhreacais anns an Eilean Sgitheanach ag ràdh gun cùm iad orra a’ cur cuideam air Riaghaltas na h-Alba am prìomh rathad a tha a’ dol tron bhaile a dhèanamh nas sàbhailte. A dh’aindeoin ‘s gun deach innsidh dhaibh nach eil airgead gu leòr ann airson ceum-coise a thogail. ‘S e am prìomh iarrtas a chuir iad gu Riochdaire Chòmhdhail na h-Alba aig coinneamh phoblach far an do nochd mun ceathramh chuid dhen t-sluagh, ach dh’fhalbh iad le briseadh dùil. Mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris.

[Seonachan MacLeòid] Seo agad an t-àite a tha mise a’ smaoineachadh a tha nas cunnartaiche ‘s chan eil àite sam bith ann airson duine a bhith coiseachd, tha balla ann an siud agus tha bruach-dall ann an seo cuideachd, ... chan eil thu a’ faicinn dad sam bith a tha tighinn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Seonachan MacLeòid ga mo thoirt air an A ochd a seachd tro Bhreacais. Tha e fhèin is gu leòr eile ag ràdh gu bheil daoine a tha a’ coiseachd no air baidhsagal ann an cunnart leis nach eil cabhsair ann fad na slighe. Dh’iarr iad air Còmhdhail na h-Alba a thighinn a bhruidhinn riutha.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Coma leam nach eil na dathan a tha orm an-dràsta a’ dol còmhla idir, ach chan eil cabhsair air oir an rathaid far a bheil mi coiseachd an-dràsta. Agus tha mi air mothachadh gu bheil mòran dhaoine a tha air tighinn chun na coinneimh a-nochd --- gu bheil na seacaidean buidhe seo orrasan cuideachd.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Nochd cha mhòr ceud duine ann. Mhìnich iad do Mhanaidsear Còmhdhail na h-Alba an cunnart a th’ann. An teachdaireachd aca dha, ceum-coise tron bhaile air fad. Chaidh innse dhaibh ged-tà gun cosgaidh sinn suas ri millean not – airgead nach eil ann.

[Bob Mitchell] We will continue with the process of assessing the design for a footpath, in case at some point in the future there is funding available.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Dh’fhàg mòran air an tàmailteachadh agus fearg orra.

[Boireannach bho Bhreacais] There’s nothing you can do anymore, about it was a bit pointless, really.

[Boireannach bho Bhreacais] I just want to see some action, very much so.

[Boireannach bho Bhreacais] Fear a tha seo, tha e dìreach a’ bruidhinn, bruidhinn agus chan eil sinn a’ faighinn freagairt.

[Boireannach bho Bhreacais] The offers that have been made are merely window dressing and we’re no nearer getting a pavement than when we started the meeting.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S e a fhuair iad barantas ‘s gum biodh fhathast casg astair fhichead mìle san uair, seach leth-cheud mìle mar a bha air a mholadh. Gealltanas cuideachd do bheagan obrach son an rathad a dhèanamh nas sàbhailt’. Ach chan eil sin a’ riarachadh an luchd-iomairt.

[Hamish Friseil] Feumaidh iad a-nise tòiseachadh air smaoineachadh, eil fhios agad, tha rudan ceàrr a thaobh sàbhailteachd nan daoine a tha a’ coiseachd air an rathad, sàbhailteachd daoine a tha a’ dràibheadh air an rathaid a tha seo agus feumadh iadsan a-nise a bhith a’ gabhail uallach airson sin.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S e an aon dòchas gu bheil am ball-pàrlamaid aca aig Holyrood a’ gealltainn a’ chùis. a thoirt gu aire luchd-poilitigs aig an ìre as àirde.

[Dave Thompson] I’ll be writing to Transport Scotland and the minister, following the insert meeting there was a lot of really useful information given to Bob Mitchell of Transport Scotland here tonight. I’ll keep the pressure up and I’m sure the local community will.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Gu dearbh, chan eil an strì seachad fhathast, tha iad ag ràdh. Ach, tha an t-eagal orra mu thachras mus bi fuasgladh ann.

[Seonachan MacLeòid] Tha tubaist a’ dol a thachairt. Tha tubaistean a’ tachairt a h-uile bliadhna a-muigh ann an sin. Ach, bidh barrachd thubaistean a’ tachairt o àm gu àm air an rathad a tha sin, air sgàth ‘s gu bheil e cho cunnartach.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Breacais.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!