FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Plans for the biggest sea windfarm in the world Planaichean son an tuath-gaoithe as motha aig muir air an t-saoghal

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Planaichean son an tuath-gaoithe as motha aig muir air an t-saoghal

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Chuir comhairlichean Gàidhealach taic ri planaichean son an tuath-gaoithe as motha aig muir air an t-saoghal a thogail far costa Ghallaibh. Tha Moray Offshore Renewables Earranta airson trì cheud agus naoi crainn deug thar fhichead a thogail. Cosgaidh am pròiseact ceithir gu leth billean not. Bha ceistean gan togail mu bhuaidh a’ sgeama air eunlaith agus beathaichean mara. Tha tuilleadh aig Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Thèid na crainn a thogail air trì làraich a suas aon làrach nas motha – an tuath-gaoithe as motha air an t-saoghal. Thèid a thogail trì-deug puing à còig mile far chosta Ghallaibh ann an Linne Mhoireibh. Thèid suas ri trì ceud agus trìthead ‘sa naoi crainn a thogail air an làraich a shìneas ceud agus ceithir-deug mìle ceàrnagach. A rèir na buidhne a th’air cùlaibh an sgeama, bidh comas aige dealain a chumail ri millean taigh.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Rinn Comhairle na Gàidhealtachd co-chomhairle le buidhnean ionadail, ach cha tàinig ach aon comhairle choimhearsnachd air ais le beachd mun phròiseact.

[Craig Milroy] We’re delighted that Highland Council have raised no objection that with Marisne Scotland and they join the Moray council and Aberdeenshire Council, as three very significant local authorities within our area, who we’ve worked with to develop this project and move it forward.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Chuir comhairlichean an làn-thaic dhan pròiseact an-diugh. Bheir e còig bliadhna airson na crainn a thogail, agus dùil gun cruthaich iad obair ionadail airson ùine fhada.

[Audrey Nic naCeardaich] Tha mi toilichte mu dheidhinn sin, air sgàth ‘s gum bi e math airson na sgìre sin, airson nan obraichean agus stuth mar seo, gu h-àraidh nuair a tha Dùn Reathaa’ dol a dh’falbh.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha mòran cuideachd air ceistean a thogail mun bhuaidh a dh’fhaodadh seo toirt air beathaichean-mara agus uisgeachan-iasgaich Linne Mhoireibh.

[Pam Wells] We’ve got the impact on the seagrass colonies and seagrass is a huge, huge carbon store and twenty per cent of North European seagrass colonies are in Scottish waters and within the twenty metre depth that they plan putting in the turbines.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] ‘S ann aig riaghaltas na h-Alba a tha an co-dhùnadh mu dheireadh air an tuath-gaoithe agus dùil ri sin nas fhaide air a’ bhliadhna. Calum MacIlleathain. BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!