FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather Aimsir

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Aimsir

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Uill, an aimsir againne a-nis, seo Caitriana.

[Caitriana Deeprose – Neach-aimsir] Feasgar math dhuibh. Uill, abair sìde gheamhradail a th’ air a bhith againne o chionn ghoirid is ann mar sin a leanas cùisean. Mar a chì sibh, tha Oifis na Sìde air rabhadh orainds a sgaoileadh – sin airson sneachd, gu h-àraidh ann an ceann iar-dheas na dùthcha. A-nochd is tron latha a-màireach, ach tha rabhaidhean eile ann – rabhaidhean buidhe mun ear is cuideachd ann an Cinn Tìre. Dealbh gu math geamhradail a bhios ann tron dùthaich, frasan geamhradail a’ leantainn ann an Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh, cuideachd ann an Cinn Tìre is san ear-thuath, a’ ghaoith làidir gu ruige neart-gèile is reothadh tro mòran sgìrean.

[Caitriana Deeprose – Neach-aimsir] Tha e gu bhith fo ìre reothaidh anns a’ chumantas, mun ear, rud beag nas ciùine mun chost an iar. An dealbh geamhradail gu bhith leantainn madainn a-màireach, a’ ghaoth fhathast làidir gu ruige neart gèile, frasan geamhradail a’ leantainn san iar-dheas, ach sileadh iad sin às mar a thèid an air adhart. Corra fhras ma dh’ fhaodte san ear-thuath.

[Caitriana Deeprose – Neach-aimsir] Bheir sinn sùil air mar a bhios cùisean a’ coimhead feasgar ma-thà ann am barrachd doimhneachd. Bho thig piseach air an là, ann an ceann iar-dheas na dùthcha, ‘s ann nas tiorama a bhios i feasgar. Thathas gu math fuar dhà no trì Celsius, is a’ ghaoth làidir, bidh i a’ faireachdainn nas fhuaire gu math nas ìsle na an àbhaist aig an àm seo dhen bhliadhna. A’ chuid as fhearr dhen t-sìde a-rithist ann an ceann iar-thuath na Gàidhealtachd is corra-fhras ma dh’ fhaodte a’ leantainn san ear-thuath.

[Caitriana Deeprose – Neach-aimsir] Gu ruige ciaradh an fheasgair ma-thà. ‘S ann mar sin a leanas cuisean. Tha i gu bhith tioram tro mhòran sgìrean is reothadh fad is farsaing a’ ghaoth gu bhith socrachadh cuideachd.

[Caitriana Deeprose – Neach-aimsir] A’ coimhead air adhart gu na Sàbaid, bidh sibh toilichte cluinntinn gur e gu math nas fheàrr a bhios ann tron dùthaich. ‘S ann tioram soilleir a bhios i gu h-àraidh mun chost an iar far am bi greisean-grèine, frasan geamhradail, frasan sneachda gu dearbh a’ leantainn mun ear, ach ‘s ann caran mìn is sgapte a bhios iad mar a thèid an air adhart. A’ ghaoth gu bhith air socrachadh. Leis an sin, cha bhi i a’ faireachdainn buileach cho fuar ‘s a tha i air a bhith bho chionn ghoirid – ceithir no còig Celsius anns a’ chumantas. Sin na th’ againn dhuibh a-nochd, tha mi an dòchas gum bi deagh dheireadh-sheachdain agaibh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!