FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Local development plan of The Cairngorms National Park Plana-leasachaidh ionadail Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Plana-leasachaidh ionadail Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh

[Iain MacAonghais – Preseantair] Nise, bhon ath sheachdain, thèid iarraidh air a’ phoball am beachdan a thoirt seachad, mu phlana-leasachaidh ionadail Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. A-rèir na pàirce, tha am plana ag amas air coimhearsnachdan a dhèanamh nas seasmhaiche anns an sgìre le bhith a’ togail thaighean ùra agus le bhith a’ toirt leasachadh air seirbheisean, leithid a’ bhann—leathann. Seo Dòmhnall Angie Moireasdan le tuilleadh.

[Dòmhnall Angie Moireasdan – Neach-aithris] Tòisichidh an co-chomhairleachadh mu phlana-leasachaidh ionadail Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh Diluain sa tighinn. Tha am plana a’ coimhead air mar bu chòir bun-structair agus seirbheisean anns an sgìre a leasachadh anns na còig bliadhna a tha air thoiseach.

[Eleanor Matheson] We’re putting out the local development plan to consultation to allow communities, developers, land-managers anybody out there to have a chance to comment on it.

[Dòmhnall Angie Moireasdan – Neach-aithris] Chan eil am plana air a bhith às aonais connspaid ged-tà. Tha luchd-iomairt anns an sgìre air a bhith a’ cur an aghaidh nam planaichean airson taigheadas aig prìsean reusanta a thogail ‘s tha iad ag ràdh gun dèanadh e cron air àrainneachd na pàirce. Chan eil ùghdarras na pàirce ag aontachadh leis an sin, ged-tà, ‘s a tha iad ag ràdh gum feum an sgìre taighean aig prìsean reusanta. ‘S a tha iad an dòchas sin a dhèanamh ann an dòigh freagarrach.

[Eleanor Matheson] They want the right development in the right place. They don’t want housing development stuck on to the edge of their villages. They want it all to be, you know, part of, their existing culture and that’s what we’re striving to achieve with this local development plan.

[Dòmhnall Angie Moireasdan – Neach-aithris] Agus a-rèir choltais tha iad an dòchas seirbheisean leithid a’ bhann-leathann sa sgìre a leasachadh cuideachd.

[Eleanor Matheson] It would support a much better economy, I think, if there was more home-working. But before that can be achieved, there's got to be huge improvements in broadband cover and mobile phone cover, which is, at best, patchy throughout the park. I know there’s a lot of investment coming in for broadband, but it’s to ensure that these little glens are not forgotten about.

[Dòmhnall Angie Moireasdan – Neach-aithris] Tha a’ Phàirc air a bhith ag obair le buidhnean glèidhteachais gus feuchainn ri bhith dèanamh cinnteach nach dèanadh am plana cron air an àrainneachd no beathaichean sa sgìre.

[Emily Edwards] Tha sinne air a bhith an—sàs anns a' phlana seo bhon a’ chiad dol a-mach agus tha sinn gu math toilichte leis mar a tha gnothaichean a’ dol. Tha na figearan seo, tha iad a’ dèanamh ciall fhad ‘s a bhios na leasachaidhean a’ dol air adhart ann an àiteigin a tha gu bhith freagarrach.

[Dòmhnall Angie Moireasdan – Neach-aithris] Mairidh an co-chomhairleachadh ‘s urrainnear fhaicinn air an làraich-lìn aig a’ phàirc nàiseanta chun chòigeamh latha dhen Iuchar. Dòmhnall Angie Moireasdan. BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!