FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Free food Biadh an-asgaidh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Bean a' Mhinisteir Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Bean a' Mhinisteir

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Biadh an-asgaidh

[Màiri] Scotch broth tha mi a’ smaoineachadh a tha mi a’ dol a dhèanamh an-diugh. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil feadhainn shìos ann an sin ’s chaomh leotha scotch broth. Ma bhios cothrom agam bidh mi a’ dèanamh sin dhaibh.

[Preseantair] Gach Diluain bidh Màiri agus boireannaich eile sa choitheanal ag ullachadh biadh an-asgaidh airson a thoirt chun chinn eile den choitheanal ann am Baile Chnuic.

[Màiri] Tha bochdainn mhòr shìos ann am Balintore ’s na h-àiteachan sin. Ach tha mi a’ smaoineachadh an rud a tha mise, tha sinn air mothachadh, fhios agad “free lunch”, tha mi a’ smaoineachadh duine no dithis bidh iad a’ cantainn “dè, eil catch ann?” fhios agad? Agus ’s mathaid gur e sin a tha gan cumail air falbh so chan eil sinn a’ faicinn uimhir ’s a bha sinn a’ miannachadh nuair a thòisich sinn an toiseach ach tha sinn a’ fàgail sin ann an làmhan a’ Chruthaidheir. Faodaidh Esan sin a thoirt timcheall aig àm sam bith.

[Preseantair] Às dèidh bliadhna na bean ministeir tha Màiri air rudan a mhothachadh mun dreuchd ris nach robh dùil aice.

[Màiri] Nuair a tha thu san dreuchd seo tha daoine ag iarraidh comhairle ort. ’S tha mi a’ smaoineachadh nach robh mi riamh gam fhaicinn fhìn mar chuideigin a bhiodh a’ comhairleachadh cuideigin eile airson uill cò mise airson a dhol a dh’innse dha duine dè tha ceart no ceàrr nam beatha. Fhios agad, a bheil thu a’ tuigsinn an rud a th’ agam? Ann an dòigh tha thu a’ comhairleachadh ach ’s ann a’ bruidhinn riutha a tha thu. Fhios agad, ’s mathaid ag innse gun robh thu fhèin ann an suidheachadh caran an aon rud, mar a chaidh dhut anns an t-suidheachadh sin, mar a dhèilig thu ris an t-suidheachadh a tha sin, rudan a tha thu a’ smaoineachadh nach do dh’obraich dhut agus fhios agad tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin a’ toirt cofhurtachd dha daoine eile.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!