FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A museum in a box Taigh-tasgaidh ann am bogsa

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Taigh-tasgaidh ann am bogsa

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, tha draghan ann an Srath Nabhair gun chaill daoine anns an sgìre cuimhne air an eachdraidh aca agus sgeulachd sgrios nam fuadaichean mur toir iad taic dhan an taigh-tasgaidh aca. Thèid pròiseact ùr a chur air bhog a’ toirt sealladh dhan an taigh-tasgaidh air chuairt anns an sgìre ann am bucas. Chaidh Dòmhnall MacLaomainn a dh’ fhaicinn na bha fa-near dhaibh.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Air fhosgladh ann an naoi-ceud deug seachdad ‘s a sia, ‘s e seo taigh-tasgaidh Srath Nabhair. Tha e làn eachdraidh nam fuadaichean, ach, a dh’ aithghearr, bidh an taigh-tasgaidh air an rathad ann am bogsa.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Co às a thàinig an smuain seo?

[Joanne B Karr] The museum box here is really a taster of all the things that are in the museum and it’s a kind of a self-contained exhibition, self-display, so and we can put into any village hall. Other museums, heritage centres and groups can borrow it and they can learn about all the objects that are here.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha seo a’ tighinn as dèidh pròiseact eile far an robh luchd-ealain ag amas air taisbeanadh a chruthachadh bho diofar phìosan a bha anns an taigh-tasgaidh, leithid seann bhròg, pùdarair a dhèanamh a-mach à craiceann coin agus mapa air a dhèanamh le craiceann fèidh. Ach tha fhathast feum air barrachd ùidh a thogail.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha eachdraidh gu math cudromach anns an sgìre-sa, gu h-àraidh le sgeulachd nam fuadaichean. Agus airson an adhbhar sin tha daoine a tha ag obair san taigh-tasgaidh an dòchas gun tog a’ phròiseact seo aire dhaoine ann an eachdraidh agus cuideachd airson adhbhar gu math sìmplidh eile; chan eil taigh-tasgaidh eile ri fhaicinn airson ceud mìle shìos an rathaid.

[Mairead Dhòmhnallach (Meg MacDonald)] Tha trioblaid againne, chan eil daoine ionadail a’ tighinn tric gu leòr dhan taigh-tasgaidh. Tha na daoine ann an seo ag iarraidh tòiseachadh museum, an taigh-tasgaidh agus àrdachadh cuideachd. Tro bhùthan-obrach agus taisbeanaidhean ann an àiteachan eile, agus sna sgoiltean, gu sònraichte.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Obair mhòr romhpa, ach obair chudromach, bidh iad an dòchas, ma thogas am bogsa ùidh dhaoine ann an taigh-tasgaidh gun toir sin orra thighinn a dh’ fhaicinn a’ chòrr dhe na pìosan eachdraidh phrìseil seo. Dòmhnall MacLaomainn, BBC An Là, Srath Nabhair

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!