FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New exhibition centre about Harris Tweed Ionad-taisbeanadh ùr a’ Chlò Mhòir

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Ionad-taisbeanadh ùr a’ Chlò Mhòir

[Iain MacAonghais - Preseantair] Dh’fhosgail ionad-taisbeanaidh a chaidh a thogail a dh’aon a ghnothaich airson sgeulachd a’ Chlò Mhòir innse anns na Hearadh an-diugh. ‘S iad Buidheann Leasachaidh na Hearadh a th’ air a bhith os a chionn ann an co-bhanntachd le Catriona Chaimbeul – ogha dhe na breabadairean as ainmeile gu h-eachdraidheil anns a’ ghnìomhachas. Chaidh Catriona NicIlleathain a Dhrinisiadar airson tuilleadh fhaighinn a-mach.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] An Clò Hearadh, tha an t-ainm ag innse do dhaoine às a thàinig an clò ach gu ruige seo, cha robh càil sam bith leithid ionad-fiosrachaidh anns na Hearadh airson innse do dhaoine an sgeulachd mhòr a th’ air cùlaibh an gnìomhachas a tha seo, ach an-diugh dh’atharraich sin agus an t-ionad a tha seo ann an Drinisiadar a-nis fosgailte.

[Joan Chuimineach] Uill, tha sinn a’ toirt fiosrachadh mu dheidhinn a’ chlò bho thòisich a’ chùis gu deireadh a’ chùis gu chì sibh na rudan a tha daoine a’ cleachdadh a’ chlò air a shon, mar eisimpleir an aodaich agus na bagannan agus a h-uile càil an sin.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] A thuilleadh air a bith a’ faighinn a-mach mu dheidhinn eachdraidh a’ chlò agus a bhith a’ coimhead air na seòrsa aodaich a thèid a dhèanamh às, gheibh daoine a-mach dìreach ciamar a tha e air a dhèanamh agus faodaidh iad rudan mar seo fheuchainn a-mach.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Tha dòchas ann gun tig tòrr tro dhorsan an taisbeanaidh is dùil ri samhradh trang eile làn luchd-turais a dh’aithghearr.

[Joan Chuimineach] Tha e math gu bheil cothrom ann daoine a thighinn dhan a’ bhaile bheag a tha seo ann an Drinisiadar airson ‘s docha nach bi iad a’ smaoineachadh gum bi ionad cho math ri seo ann agus tha seo a’ toirt cothrom dha na daoine anns a’ bhaile a tha seo agus mu thimcheall ann a sheo, cothrom aca tòrr a bharrachd turasachd a bhith aca anns an àite seo.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Tha mòran a tha an-sàs anns a’ ghnìomhachas air taic a thoirt dhan taisbeanadh agus air fàilte a chur air am measg dhaoine eile.

[Dòmhnall Iain MacAoidh] Tha gu leòr nach eile a’ tuigsinn carson nach eil àite mar seo ann agus gu dearbh, tha sinn am mòr an comainn a h-uile duine a bha an-lùib a’ gnothaich a bha seo, a chur air adhart e, o chionns, mar a bha mi ag ràdh, tha feum mhòr air, bha iarraidh air agus gu dearbha, bidh e na bhuannachd dhan a’ ghnìomhachas is dhan a’ choimhearsnachd.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Chan eil mi buileach cinnteach, an e seo an seòrsa ad a chuirinn orm fhèin, ach tha coltas ann gu bheil fèill mhòr airson na seòrsa rudan seo ’s tha iad uile air a’ dèanamh a-mach à Clò Hearach.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Ach, a dh’aindeoin soirbheas a’ Chlò ann an iomadh ceàrnaidh dhen t-saoghal. Tha aon rud cinnteach, cha tèid a’ Chlò Hearach a dhèanamh ach ann an Leòdhas agus anns na Hearadh, mar a tha an achd pàrlamaid a tha ga dhìon ag iarraidh. Tha sin fhèin na dheagh adhbhar airson ionad-taisbeanaidh, mar an fhear seo a bhith ann an àite a leithid na Hearadh. Catriona NicIlleathain, BBC An Là, Drinisiadar.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!