FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Concern about the Post Office in Creagorry Dragh mu Oifis a’ Phuist ann an Creag Goraidh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Dragh mu Oifis a’ Phuist ann an Creag Goraidh

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Sin freagairt mun teine agus an spòrs fhathast ri thighinn air An Là. Ron sin, ged-tà, tha ceist air èirigh mu na tha an dàn dha seirbheis Oifis a’ Phuist ann an Creag Goraidh ann am Beinn na Fadhla. Tha an fheadhainn a tha ruith na seirbheis an-dràsta, Dàibhidh agus Evelyn Thorington airson an dreuchdan a leigeil dhiubh. Ach tha e air fàilneachadh orra chun an seo, an gnìomhachas a tha ceangailte ris an t-seirbheis a reic. Cunnart ann a-nis gun tèid an oifis phuist a chall agus gum bi aig muinntir na sgìre ri astar a dhol airson fhaighinn. Ag aithris à Uibhist, Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha David agus Evelyn Thorington a tha a’ ruith seirbheis oifis a’ phuist ann an Creag Goraidh airson an dreuchd a leigeil dhiubh. Ach tha trioblaid aca aonta fhaighinn bho Oifis a’ Phuist an t-seirbheis a stèidheachadh ann an àiteigin eile anns an sgìre. Tha bùth a tha mu mhìle bhuapa deònach an t-seirbheis a ghabhail, ach gu ruige seo tha ceannardan Oifis a’ Phuist air sin a dhiùltadh. Seo Dolly Hoggs bho Lovats.

[Dolly Hoggs] ‘S e am Post Office fhèin a thàinig thugainne airson a ghabhail agus thuirt sinne gun gabhaidh a chionn ‘s chan eil sinn airson an leithid seo a chall ann an seo idir. Agus lìon sinn na forms, rinn sinn a h-uile sìon ‘s an ath rud, agus an uair sin fhuair sinn brath gun robh e air stad, nach robh sinn ga fhaighinn idir gun robh sinn ro fhada air falbh bhon post office a bha a’ dùnadh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Ma dhùineas Oifis a’ Phuist ann an seo ann an Creag Goraidh, tha na goireasan làn-ùine as fhaisge an uair sin còrr is sia mìle gu tuath ann am Baile a’ Mhanaich, no faisg air fichead mìle gu deas ann an Dalabrog.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha an oifis air a cleachdadh aig gu leòr a th’ air an rathad a dh’ obair agus i fosgladh tràth. Tha i faisg air grunn gnìomhachasan, taighean-òsta agus sgoiltean, mar sin, chan eil David agus Evelyn airson an oifis a chur bhuapa gus am bi iad cinnteach gum bi an t-seirbheis seo ri fhaotainn faisg air làimh ’s tha iad ag aithneachadh cho riatanach ‘s a tha seirbheis làn-ùine do dh’ iomadach duine agus air gnìomhachas a leithid Hebridean Jewellery mar a dh’innse Màiri-Anna NicDhòmhnaill.

[Màiri-Anna NicDhòmhnaill] Bhiodh e gu math duilich dhuinne nan dùineadh Post Office Creag Goraidh a thaobh, dh’ fheumamaid a dhol a Bhaile a’ Mhanaich, ‘s e an ath Phost Office as fhaisge dhuinne, so bheireadh sin uair an uaireadair do dhuine sam bith dhan luchd-obrach a dhol ann.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha Lovats air athchuinge a chur air dòigh agus tha iad ag amas air taic na coimhearsnachd fhaighinn gus ìmpidh a chur air Oifis a’ Phuist, a thuirt gu bheil iad fhathast a’ sanasachadh na h-Oifis mar chothrom gnìomhachais agus gu bheil iad an dòchas rèiteachadh fhaighinn air a’ chùis. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!