FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Letters from a turbulant time in an auction in Elgin Litrichean bho àm riaslach a reic aig rup ann an Eilginn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Litrichean bho àm riaslach a reic aig rup ann an Eilginn

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Thèid cruinneachadh de sheann litrichean a chaidh a sgrìobhadh aig àm riaslach ann am poilitigs Bhreatainn a reic aig rup ann an Eilginn an ath sheachdain. Chaidh na litrichean sgrìobhte le buill chumhachdach anns a’ phàrtaidh Libearalach aig deireadh na naoidheamh Linn deug a lorg ann an seann phreas. Seo Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Chaidh ceathrad ‘s a cheithir litrichean a bha air an sgrìobhadh eadar ochd ceud deug ochdad ‘s a dhà agus ochd ceud deug ochdad ‘s a sia a lorg ann am preasa-faidhlidh ann an Siorrachd Obar Dheathain. Chaidh an sgrìobhadh le luchd-poilitigs leithid Eòsaph Chamberlain, athair a’ phrìomhaire Neville Chamberlain.

[Gòrdon Pire] We’ve never had anything like it before. I mean we’ve had somebody sent an email from America, that’s the furthest out. It has opened it up to a different clientele, I would say. And having said that I would imagine that some of the locals will have a punt at it as well.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Chaidh na litrichean a sgrìobhadh dha Francis Schnadhorst, a bha na rùnaire air Caidreachas Nàiseanta nan Libearalach aig an àm. Tha iad a’ bruidhinn air an sgaradh a thàinig sa Phàrtaidh Libearalach air cuspair riaghlaidh dachaigh na h-Èirinn.

[Gòrdon Pire] Dear Mr Schnadhorst, Chamberlain sent me a letter to be read at the St James Hall meeting. In it, he said that he would only vote for second party if WEG accepted his modifications.

[Murchadh MacLeòid] Tha fios againne gun robh sradagan a’ dol anns a’ Phàrtaidh Libearalach aig an àm, gun robh argamaid mhòr ann agus tha fios againne ann an Eachdraidh gun do sgar am pàrtaidh aig a’ cheann thall. ‘S e a tha inntinnich an seo gun robh mar gum biodh oidhirpean a’ dol air cùl nan dorsan dùinte ag ràdh “Feuch am poileasaidh a tha seo atharrachadh mus dèan e a’ chùis air a’ phàrtaidh uile gu lèir, tha sin inntinneach ann fhèin.”

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Dìreach mar a tha teicneòlas ag atharrachadh ann an sgrìobhadh le barrachd a’ cleachdadh post-d seach a bhith sgrìobhadh litrichean, faodaidh daoine gach ceàrnaidh tagradh a chur a-steach don rup tron eadar-lìon.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Mar as trice, ‘s e rudan leithid seann leabhraichean agus seithrichean a tha iad a' reic aig an rup seo, ach tha ùidh anns na litrichean seo air nochdadh bho air feadh an t-saoghail, ‘s chan eil fhios fhathast, chosgas iad. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Eilginn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!