FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Crofters' Commission set up new workshops Coimisean na Croitearachd a’ cur bùithtean-obrach air dòigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Coimisean na Croitearachd a’ cur bùithtean-obrach air dòigh

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Tha dragh fhathast nach eil fiosrachadh gu leòr aig croitearan mun t-siostam ùr airson an cuid croitean a chlàradh. Ri linn sin, tha Coimisean na Croitearachd a’ cur bùithtean-obrach air dòigh ann an diofar sgìrean airson an siostam a shoilleireachadh. ‘S ann do luchd-measaidh gu sònraichte a bhios na coinneamhan, ach bidh cothrom aig clèirean agus croitearan a dhol thuca cuideachd. Seo Doneil MacLeòid.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] An-uiridh, chaidh coinneamh a chumail ann an Inbhir Nis airson a h-uile neach-measaidh bho diofar choimhearsnachdan-croitearachd air feadh Alba, ach am-bliadhna thèid oidhirp a dhèanamh coinneamhan a chumail anns na sgìrean fhèin. Tha dragh ann gu bheil fhathast gainnead fiosrachaidh aig croitearan mu na tha an lùib siostam ùr clàr nan croitean agus ‘s ann air a’ chuspair sin gu sònraichte a thèid bualadh.

[Susan Walker] Fear dhiubh airson Leòdhas, agus na Hearadh, fear dhiubh eile airson an Eilein Sgitheanaich, fear dhiubh airson Earra-Ghàidheal. Agus an cuspair a tha sinn a’ dol a bhruidhinn mu dheidhinn nas motha, mu dheidhinn clàr chroit. Tha siostam ùr ann a-nis, ach tha croitearan ag iarraidh fiosrachadh, barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn ciamar a tha thu a’ dèanamh sin.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha cuideachd bòrd a’ choimisein fhèin an dùil coinneamh a chumail ann an àite seach Inbhir Nis.

[Susan Walker] An-uiridh, bha e fìor mhath, bha bùithtean-obrach againne airson croitearan, clèirean-bailtean agus luchd-measaidh agus bha sin air an oidhche. An uair sin, an ath là, bha coinneamh a’ bhùird. Bha sin fìor mhath. Am-bliadhna, tha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn a dhol gu Loch Abar, rudeigin mun chuairt sin, ‘s dòcha Àird nam Murchan.

[Doneil MacLeòid – Neach-aithris] Tha a’ choimisean a’ faicinn buannachdan an seo leis gur e luchd-measaidh a tha a’ biathadh fiosrachadh thuca airson co-dhùnaidhean a dhèanadh. Doneil MacLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!