FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new course for teachers in Uist Cùrsa ùr airson tidsearan ann an Uibhist

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Cùrsa ùr airson tidsearan ann an Uibhist

Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, chaidh cùrsa airson tidsearan a bhrosnachadh gu barrachd Gàidhlig a chleachdadh anns an sgoil a’ ruith ann an Uibhist air an t-seachdain-sa airson a’ chiad uair. Thàinig na tidsearan bho air feadh nan Eilean Siar còmhla airson seachdain ‘s tha iad ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh a’ chànain anns a’ choimhearsnachd. Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chuir a’ bhuidheann Ceòlas air bhonn cùrsa fad seachdain airson leudachadh a thoirt air na sgilean Gàidhlig aig luchd-teagaisg, nach eil aig an àm seo a’ teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha iad a’ toirt cothrom do thidsearan a’ Ghàidhlig aca a neartachadh agus cuideachd gam brosnachadh gu barrachd Gàidhlig a chleachdadh air taobh a-staigh is taobh a-muigh na sgoile. Tha Màiri NicAonghais ag innse mar a chaidh an trèanadh a chur ri chèile, a bhuannachd ris a bheil dùil às agus amasan a thoirt air aghaidh.

[Màiri NicAonghais] Mar a tha mi a’ faicinn, tha an t-seachdain air a bhith fìor mhath agus tha e a’ còrdadh gu mòr ri na tidsearan a th’ air tighinn còmhla airson a’ Ghàidhlig aca fhèin a thoirt air adhart. Agus, tha e air a bhith caran eadar-dhealaichte bho na cùrsaichean eile air a bheil iad air a bhith mu thràth. Agus tha iad air a bhith gu mòr a’ cleachdadh a’ chànain ‘s a’ dol a-mach dhan choimhearsnachd a bhruidhinn Gàidhlig. ‘S e sin Gàidhlig a tha iad a’ faighinn tro na leasanan, Gàidhlig a fhuair iad o àiteachean eile, ach ‘s e an neart a th’ againne ann an Uibhist, gun urrainn dhuinn a dhol a-mach gach là, gu gach àite anns an sgìre agus a’ Ghàidhlig a chleachdadh a thaobh ‘s gu bheil i beò agus gu math làidir againne.

[Màiri NicAonghais] Nise, seo a’ chiad uair agus tha sinn fortanach gun do chuir Bòrd na Gàidhlig agus a’ chomhairle còmhla an cinn agus theirig iad dhuinn cùrsa seachdain a chur air adhart anns a’ choimhearsnachd. Tha e mar amas aig Ceòlas an obair a leasachadh gu h-àraidh a thaobh rud a tha sinn a’ dèanamh le foghlam agus le trèanadh thidsearan.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Às dèidh leasan na maidne, tha na tidsearan air a dhol a-mach gu àite anns a’ choimhearsnachd far a faic iad na dh’ionnsaich iad air a chleachdadh gach là. Aon dhe na cuspairean aca, ‘s e ath-chuairteachadh agus thadhail iad air an ionad ath-chuairteachaidh ann am Beinn na Faoghla. ‘S dòcha gur e seo aon de na h-àiteachan dhan toireadh iad clann-sgoile mar phàirt de na leasanan acasan. Seo Donna NicLeòid, aon de na tidsearan air a’ chùrsa seo.

[Donna Nic Leòid] Bha e math, a bhith a-muigh anns a’ choimhearsnachd ag ionnsachadh faclan a bhios mi a’ cleachdadh leis a’ chloinn sa chlas agam.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!