FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The benefits of going by bike Am feum a th’ ann a bhith a’ dol air baidhsagal

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Am feum a th’ ann a bhith a’ dol air baidhsagal

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, ceist; am feum a th’ ann a bhith a’ dol air baidhsagal? Ceist shìmplidh gu leòr, shaoileadh sibh, ‘s dòcha ach tha i ga cnuasachadh aig co-labhairt ann an Glaschu. Rinn Ionad Slàinte Phoblaich a’ bhaile sgrùdadh a tha a’ sealltainn gu bheil na milleanan ga sàbhaladh ann am buidseat na slàinte le na tha de dhaoine dèanamh air a’ bhaile agus mach a-rithist air baidhsagal. Seo Iain MacDiarmid.

[Iain MacDiarmid - Neach-aithris] Tha a bhith a’ dol air baidhsagal seach sa chàr math dhut. Ach a-nis, tha Ionad Slàinte Phoblach Ghlaschu air sùim airgid a chur ris an fheum a tha e a’ dèanamh dhan bhaile. Le bhith cleachdadh tomhas Bhuidheann Slàinte na Cruinne, tha iad a’ dèanamh dheth gu bheil an fheadhainn air chuibhle a’ cruthachadh sàbhalaidhean ann an cosgaidhean slàinte de cheithir millean not sa bhliadhna.

[Bruce Whyte] Tha modail dìreach a’ gabhail a-steach ìre de bhàsan ceangailte ri gun a bhith air rothair. Dh’fhaodadh a bhith nam biodh e a’ gabhail a-steach, can, na seòrsa tinneasan no bochdainn a tha air an seachnadh le rothaireachd, dh’ fhaodadh a’ bhuaidh a bhith beagan nas motha.

[Iain MacDiarmid - Neach-aithris] A rèir na buidhne a tha ag obair le buidhnean slàinte agus poblach eile gus piseach a thoirt air fallaineachd mhuinntir Ghlaschu, tha na tha a’ dol air baidhsagal mar dhòigh-siubhail air àrdachadh còig air fhichead às a’ cheud thar na ceithir bliadhna mu dheireadh. Ach, son buannachd dha-rìribh fhaicinn tha feum air leasachadh

[Bruce Whyte] Chanainn-sa gum biodh a h-uile duine a tha air rothair ann an Glaschu ag ràdh gum bu chòir barrachd slighean-rothaireachd a bhith ann agus tha slighe ùr an seo gu math spaideil ach feumaidh sinn fada a bharrachd timcheall air Ghlaschu air fad.

[Iain MacDiarmid - Neach-aithris] ‘S e modail bailtean leithid Gothenburg san t-Suain a thathas a’ moladh a leantainn, far a bheil goireasan a’ ciallachadh gu bheil aon slighe às gach deich ga dhèanamh air baidhsagal. Iain MacDiarmid, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!