FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A special week for new apprentices Seachdain shònraichte airson luchd-ciùird ùra

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Seachdain shònraichte airson luchd-ciùird ùra

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Tha seachdain shònraichte ga comharrachadh an-dràsta airson luchd-ciùird ùra no ‘modern apprenticeships’. Seo an treas bliadhna a chaidh an leithid a dhèanamh agus Riaghaltas na h-Alba ag amas air còig air fhichead mile luchd-ciùird ùr ann an iomadach roinn obrach eadar obair-togail agus cùram cloinne. Thadhail an tè-naidheachd againne ann an Uibhist, Shona NicDhòmhnaill air aon àite a th’ air neach-ciùird fhastadh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha an t-ionad cùraim chloinne, Cothrom Òg, air obair-ciùird a thoirt do dh’aon neach. Tha iad ag aithneachadh gun toir seo togail dhan sgioba aca agus taic do dhaoine òga a chiad cheum fhaighinn ann an saoghal na h-obrach

[Mòrag NicFhionghain] Nuair a thòisich i, bha i air dìreach straight a-staigh dhan an obair sa nursery againne. Agus, bha i a’ cuideachadh a h-uile duine, bha i glè mhath leis a’ chloinn. Aig an aon àm, tha e really math airson an luchd-obrach ann an seo, o chionn ‘s gu bheil e gu math cudromach airson sinn fhèin airson cumail suas leis an àraich ann an dòighean san obair againne.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S e Paula NicAonghais a tha ag ionnsachadh sgilean cùraim chloinne aig Cothrom Òg. Aig deireadh a’ chùrsa, gheibh i teisteanas gu bheil i air na sgilean ceart ionnsachadh. Dh’ inns i mar a tha seo na chuideachadh dhise agus cuid dhen a bhios i a’ dèanamh còmhla ris a’ chloinn.

[Paula NicAonghais] Tha e nas fhasa dhomh a bhith ag obair ann an Cothrom airson ‘s gu bheil fios agam, uill, tha eòlas agam mu a bhith ag obair còmhla ri daoine a th’ ann mu thràth. Mu thràth, tha e a’ còrdadh rium cho mòr. ‘S toigh leam a bhith ag obair còmhla ri clann. Leis an fheadhainn mhòra mar trì gu còig, tha iadsan ag ionnsachadh tòrr airson a dhol dhan sgoil. An fheadhainn as òige, bidh iadsan ag ionnsachaidh àireamhan agus dathan, rudan a tha nas fhasa dhaibh

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!