FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New resoures for science through the medium of Gaelic Goireasan ùra airson saidheans tro mheadhan na Gàidhlig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Goireasan ùra airson saidheans tro mheadhan na Gàidhlig

[Innes Rothach - Preseantair] Chaidh goireasan ùra airson a bhith a’ teagaisg saidheans tro mheadhan na Gàidhlig fhoillseachadh leis a’ bhuidhinn Stòrlann an-diugh. Le luchd-teagaisg agus clann-sgoile a’ cruinneachadh ann an Ionad Saidheans Ghlaschu airson na stuthan-teagaisg fhaicinn dhaibh fhèin. Chaidh na leabhraichean, postairean agus goireasan air-loidhne an dealbhachadh airson sgoilearan air prìomh a seachd anns a’ bhun-sgoil agus cuideachd airson a’ chiad agus an dàrna bliadhna anns an àrd-sgoil. Bha Caitriana Deeprose aig an fhoillseachadh.

[Caitriana Deeprose – Neach-aithris] a-mach às an sgoil airson sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Chaidh goireasan ùra airson saidheans fhoillseachadh le Stòrlann airson clann-sgoile air prìomh a seachd ‘s air a’ chiad ‘s an dàrna bliadhna san àrd-sgoil. Rud air an do chuir tidsearan fàilte.

[Murchadh Peutan] Uill, tha mise a’ smaoineachadh gur e goireas math dha-rìribh a th’ ann. Nuair a thòisich mise a’ teagaisg saidheans an tòiseach tro mheadhan na Gàidhlig, bha agam ri na stuthan agam fhìn a chruthachadh agus tha seo fìor mhath agus tha e fìor mhath, saoilidh mise ann an iomadach dòigh. Chan e a-mhàin gu bheil e saidheans math agus ceart. Ach tha a’ Ghàidhlig sìmplidh, tha e soirbh a thuigsinn agus tha mise a’ smaoineachadh gum bi tidsearan agus sgoilearan a’ dèanamh tòrr feum dhe na goireasan seo.

[Caitriana Deeprose – Neach-aithris] Tha leabhraichean, postairean is stuth air-loidhne ri fhaotainn, is chòrd iad ris na sgoilearan a bha an-làthair.

[Balach] A-nis, tha seo againne agus bidh e nas fhasa airson a’ teagaisg saidheans anns a’ Ghàidhlig.

[Nighean] Tha e a’ coimhead uabhasach math, tha e a’ coimhead inntinneach agus uabhasach spòrsail.

[Caitriana Deeprose – Neach-aithris] Tha Stòrlann air a bhith ag obair air na goireasan seo fad bhliadhna is thug e ùine beachdachadh air briathrachas a bhiodh iomchaidh.

[Dòmhnall Moireasdan] Feumaidh tu a bhith gu math faicilleach gu bheil am briathrachas ceart agus tha pannal an-dèidh a bhith ag obair dha Stòrlann air briathrachas, briathrachas saidheans agus tha sin uabhasach fhèin iomchaidh airson tha e a’ ciallachadh gu bheil am briathrachas gu ìre air aontachadh agus bidh cunbhalachd an uair sin eadar a’ bhriathrachas a tha thairis air na stuthan gu lèir agus ‘s e sin far a bheil an cùram as motha, dìreach gu bheil am briathrachas ceart.

[Caitriana Deeprose] Caitriana Deeprose, BBC An Là, Ionad Saidheans Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!